Òran air a sgrìobhadh le: Sìleas NicDhòmhnaill (Sìleas na Ceapaich) agus air a sheinn le: Mairead NicNèill.
This is a song written by: Sìleas NicDhòmhnaill (Sìleas na Ceapaich) and sung by: Mairead NicNèill.
'S e do bheatha Mhoire Mhaighdeann
O 's gile do Mhac na ghrian;
Rugadh am Mac an aois Athar
Oighre Fhlathanais gar dìon.
'S ìosal an ceum thug ar Slà nair
A nuas o Phà rras gu talamh
Nuair a rugadh E san stà ball
Gun tuilleadh à ite dha falamh.
Cha d' iarr ban-rìghinn na h-ùmhlachd
Fùirneiseachadh, rùm na seòmar;
Cha mhò dh'iarr i mnathan-glùine,
Ach Rìgh nan Dùl bhith ga còmhnadh.
'S èibhinn an sealladh a fhuair i
Nuair thà inig E nuas à colainn;
Rothaill i 'n anartaibh bà na
An Slà nair thà inig gar ceannach.
Cha d' iarr Macan na h-uaisle
Cuision na cluasag na leabaidh,
Gus an d' èirich leis a' mhà thair
Ga chur sa mhainnseir na chadal.
Chruinnich na buachaillean bochda
Ghabhail beachd air anns an tìm sin,
Chur misneach an lag 's an là idir
Bhith cho dà na air an Rìgh sin.
Shoillsich rionnag anns an adhar,
Rinn rathad do na trì rìghribh
Thà inig ga ionnsaidh le h-à bhachd,
Gaol is grà dh is fà ilte 's fìrinn.
Nuair chuala Hèrod an à rdain
An TÃ rganach teachd gu talamh,
Cha d' fhà g e macan aig mà thair
Gun a chur gu bàs an ealachd.
Cha d' fhuirich E ach ri seachdain
An dèidh a ghearradh san Teampall,
Gun fhalbh a dh'oidhche 's a latha
Don Èipheit a ghabhail tà mha.
Bha E ann an sin ri tamall
Ga altrum agus ga à rach,
Ann an gaol 's an grà dh 's an dùrachd
Fo chùram Athar 's a mhà thar.
Nuair chuala iad gun d' eug Hèrod
Smuainich iad ceum a thoirt dhachaidh;
Aig fhad 's a rinn iad am fà gail,
Bu mhiann leò an cà irdean fhaicinn.
Dh'imich iad nan triùir an rathad
'S bha iad a' caitheamh na slighe:
Sùil dan tug iad thar an guaillibh,
Dh'ionndraich iad uap am Messia.
'S iad a bha gu brònach duilich
Nuair nach b' urrainn iad ga fhaotainn,
'S a' mheud 's a rinn iad ga shireadh;
Bu dubhach bha iad as aonais.
Air dhaibh dol deiseal an Teampall
Dh'aithnich iad a chainnt gu beòthail,
Eadar na dotairean teagaisg -
Bu deas a thigeadh dha labhairt.
Sin 'n uair a labhair a mhà thair:
"Cionnas a thà inig dhuit tighinn?
'S tùrsach a rinn Thu ar fà gail
Na trì là bha sinn gad shireadh."
"Mhà thair, na biodh ort-sa mulad
Ged a dh'fhuirich mi an Teampall:
Seirbhis m' Athar ann am Flaitheas,
'S fheudar dhomh feitheamh 's gach à m dhi.
"'S iomadh latha fuachd is acrais,
Siubhail is seachrain is imeachd,
Th' agam-sa ri fhulang fhathast
Mun tèid mo ghnothach gu finid.
"Fuilgidh mi 'n toiseach mo bhaisteadh
Agus traisgeadh anns an fhà sach;
Fuilgidh mi nà imhdean gam bhualadh,
Gam bhuaireadh is gam phà gadh.
"Fuilgidh mi breith agus binn,
'S mo dhìteadh le fianais bhrèige;
Seallaidh mi gu h-umhal ìosal
Agus strìochdaidh mi don eucoir.
"Mo chur o Phìleat gu Hèrod,
Dh'innse sgeula mar a b' à ill leò;
Nuair nach dèan mi mar bu mhath leò
Cuirear deis den anart bhà n orm."
Cha b' fhad a dh'fhuirich E aca,
Nuair thriall E dhachaigh ga mhuinntir;
Bheannaich E 'n t-suipear is bhlais i
'S rinn E 'n sin an casan ionnlad.
Nuair dh'aithnich E 'm bàs dha rìreadh,
Dh'fhà g E dìleab aca deònach:
O nach d' fhaod E aca fuireach,
Bheannaich E fhuil agus fheòil dhà ibh.
Rinn E anns a' ghà irdin ùrnaigh,
Chuir gu dlùth dheth fallas fala;
Dh'fhuiling E an sin a sgiùrsadh
'S an crùn a chur air gu daingean.
Thilg iad smugaid ann a aodann,
Gabhail air gach taobh len deà rnaibh;
Ghiùlain E chrois air a ghualainn,
'S chaidh chur suas eadar dhà mheà irleach.
Ghlac E 'n cup 's an robh an t-searbhag
Sealan beag mun d' fhalbh an anail;
Thug E maitheanas da nà imhdibh,
'S liubhair E don Àrd-rìgh anam.
Thug iad a-nuas as a' chrois E
'S liubhair iad a chorp da mhà thair,
I fhèin 's na bha aice mhuinntir;
Rinn iad anns an ùir a chà radh.
Aig fheabhas rinn thu a ghlèidheadh,
Dol leis a latha 's a dh'oidhche,
Aig fheabhas rinn thu air feitheamh,
'S e do bheatha, Mhoire Mhaighdeann.
Rugadh Mairead NicNèill, Mairead Fhorbais, air 27 Dùbhlachd ...
Fiosrachadh air Mairead NicNèill / Learn more about Mairead NicNèillCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.