Òran air a sgrìobhadh le: dòmhnall mac a' ghobhainn agus air a sheinn le: Cairistìona Cheanadach.
This is a song written by: dòmhnall mac a' ghobhainn and sung by: Cairistìona Cheanadach.
Thug mi cuairt air là ithean samhraidh
don an à ite san robh mi òg
far bheil daoine tha dhomh cà irdeach
air an taobh siar do dh'Eilean Leòdhais.
Tha na bruaichean is na leòidean,
na caoraich riaraichte measg an fheòir
dh'fhalbh an à m bha iad cho lìonmhor
ris na reultan th' anns na neòil.
Loch na Craoibhe far robh an à irigh
cur sruth don allt tha ruith le fonn
's e stiùireadh chùrs' tro mhòinteach 's à iteach
gu ruig e an trà igh aig cuan nan tonn.
Sgap mo linn-s' air feadh an t-saoghail
cuid a dh'fhalbh à sealladh sùil
nan cadal buan às nach eil dùsgadh
tha briseadh cridhe aig luchd an gaol.
'S lìonmhor dachaigh tha nis falamh
sluagh bha annt' chan eil an-diugh beò
nuair a dh'fhalbh iad dhùin na dorsan
gun blà ths teine annta no ceò.
Nam biodh agamsa beagan beairteas
's mòr gum b' fheà rr leam bhith gach à m
am measg a' chomann a bheir là mh dhut
ged bhiodh dealach buileach trom.

Thogadh Cairistìona Cheanadach ann an Orasaigh air na Lochan, Leòdhas. Chaidh i do Sgoil Leumrabhagh agus an uair sin do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. ...
Fiosrachadh air Cairistìona Cheanadach / Learn more about Cairistìona CheanadachCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.