Òran air a sgrìobhadh le: Niall MacLeòid agus air a sheinn le: ailig macDhòmhnaill, coinneach mac a' ghobhainn agus Dòmhnall MacRath.
This is a song written by: Niall MacLeòid and sung by: ailig macDhòmhnaill, coinneach mac a' ghobhainn and Dòmhnall MacRath.
Air latha dhomh 's mi falbh nan à rd,
Àit'-à raich fir na cròic,
Gun chaill mi m' iùil air feadh nam mà m
Le bà rcadh trom de cheò;
Bha 'n oidhche dhorcha tarraing teann,
'S mo chridhe fann gun treòir,
Nuair thachair rium a' ghruagach bhà n
Air à irigh Bhaile Chrò.
Is thug i cuireadh dhomh gun dà il
Gu fà rdaich bhig gun sgòd;
Is thuirt i rium mi dhèanamh tà mh
Gu 'n sgaoil an latha na neòil;
Gum faighinn leabaidh thioram bhlà th
De bharrach à lainn òg;
Gum faighinn biadh is deoch is bà idh
Air à irigh Bhaile Chrò.
Is lìonmhor ròs tha fàs fon driùchd
Nach fhaca sùil an glòir;
Is lìonmhor maighdeann mhaiseach chiùin
Nach deach a cliù an ceòl;
Ach riamh cha d' fhosgail ròs fo dhriùchd
No òigh an cùirt san Eòrp'
Cho fìnealt' ann an cruth 's am blà th
Ri Mà iri Bhaile Chrò.
Ged bheireadh baintighearna dhomh là mh,
Le saibhlean là n a dh'òr,
Gur lìonmhor buaireas agus crà dh
Tha 'n cà radh ris an t-seòrs';
Gum b' annsa bhith air chosg an trà th
Le sìth is grà dh na chòir,
An gleann nan cuach, 's a' ruith nam bà ,
Le Mà iri Bhaile Chrò.
Nuair thèid i mach sa mhadainn chaoin,
Gu fallain, aotrom, beò,
'S a ghleusas i a duanag ghaoil
An doire mhaoth nan cnò,
Bidh eòin nan geug a' seinn dan à l
Gu h-ait air bhà rr nam meòir;
Ach èistidh iad, 's an cinn fo sgà il,
Ri Mà iri Bhaile Chrò.
Tha sùilean iochdmhor, baindidh, ciùin,
Ag inns' a rùin gun ghò,
Tha ceum neo-throm 's a cruth gun smùr,
Gun mheang, gun lùb, gun leòn;
Tha mais' is nà ire snà mh na gruaidh,
Gun fhoill, gun uaill na dòigh,
Mar lilidh mhìn a' fàs le buaidh
Aig fuaran Bhaile Chrò.
Mo shoraidh slà n gu robh gu brà th
Na fà rdaich is na stòr;
Tha ìomhaigh ghrà idh nam chuimhne ghnà th,
Is briathran blà th a beòil;
Bidh m' aigne là n de ghaol nach cnà mh
Gun cà irear mi fon fhòd,
Don ghruagach bhà n a dhùisg mo dhà n
Air à irigh Bhaile Chrò.

Rugadh Dòmhnall MacRath ann an Tà bost nan Loch, Leòdhas air 26 Lùnastal, 1941, mac Ciorstaidh Anna Mhurchaidh Mhurchaidh. Nuair a bha e dà bhliadhna dheug ...
Fiosrachadh air Dòmhnall MacRath / Learn more about Dòmhnall MacRathCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.