Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir agus air a sheinn le: dòmhnall mac na ceà rdaich, alasdair c. macGillìosa, Aonghas MacLeòid agus dughall gillespie.
This is a song written by: Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir and sung by: dòmhnall mac na ceà rdaich, alasdair c. macGillìosa, Aonghas MacLeòid and dughall gillespie.
A Mhà iri bhà n òg 's tu an òigh th' air m' aire
Rim bheò bhith far am bithinn fhìn
On fhuair mi ort còir cho mòr 's bu mhaith leam
Le pòsadh ceangailt' on chlèir
Le cùmhnantan teann 's le banntaibh daingeann
Le snaim a dh'fhanas nach trèig.
'S e d' fhaotainn air là imh le grà dh gach caraid
Rinn slà inte mhaireann am chrè.
Bheirinn mo phòg don òg mhnaoi shomalt'
A dh'fhàs gu boinneanta, caoin,
Gu mìleant, còmhnard, seocail, foinnidh,
Do chòmhradh gheibh mi gu saor;
Tha mi air sheòl gu leòr ad chomain
A' bhòid-sa chuir thu gu faoin
Dom smaointean gòrach pròis nam boireannach,
'S còir dhomh fuireach le h-aon.
Chaidh mi don choill' san robh croinn is gallain
Bu bhoisgeil sealladh mun cuairt
'S bha miann mo shùl do dh'fhiuran barraicht
An dlùths nam meanganan suas
Geug fo bhlà th o bà rr gu talamh
A lùb mi furasta nuas
Bu duilich do chà ch gu brà th a' gearradh
'S e 'n dà n domh 'm faillean a bhuain.
'S e b' fhasan leat riamh bhith ciallach, banail,
Ri gnìomh, 's ri ceanal mna-uails';
Gu pà irteach, bà idheil, blà th, gun choire,
Gun ghìomh, gun ghainne, gun chruas;
Gu dèirceach, daonntach, faoilidh, furast',
Ri daoine fanna, bochd, truagh;
Is tha mi led sheòl an dòchas ro-mhath,
Gur lòn do d' anam do dhuais.
Nam faighinn an-drà st' do chà radh daingeann
An à ite falaicht on eug
Ged thigeadh e dà il, 's fhà gail falamh
Cha b' à ill leam bean eil' ad dhèidh
Cha toir mi gu brà th dhut dranndan teallaich
Mun fhà rdaich aileag do chlèibh
Ach rogha gach manrain, grà dh is furan
Cho blà th 's a b' urrainn mo bheul.
Dhèanainn dhut ceann is crann is arachd
An à m chur ghearran an èill,
Is dhèanainn mar chà ch air trà igh na mara
Chur à ird air mealladh an èisg;
Mharbhainn dhut geòidh is ròin is eala
'S na h-eòin air bharraibh nan geug;
'S cha bhi thu rid bheò gun seòl air aran
'S mi chòmhnaidh far am bi fèidh.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha òrain Dhonnchaidh Bhà in air an cruinneachadh san leabhar The Songs of Duncan Bà n Macintyre, deasaichte le Aonghas MacLeòid (Oliver and Boyd airson an Scottish Gaelic Texts Society, Dùn Èideann, 1952)

Rugadh Aonghas C. MacLeòid ann an Scalpaigh anns an Dùbhlachd, 1927. B' e an siathamh duine cloinne aig Coinneach Iain 'ac Dhòmhnaill 'ic Chaluim à ...
Fiosrachadh air Aonghas MacLeòid / Learn more about Aonghas MacLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.