Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: ceòlraidh ghà idhlig ghlaschu agus còisir ghà idhlig an leargaidh ghallda.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: ceòlraidh ghà idhlig ghlaschu and còisir ghà idhlig an leargaidh ghallda.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Mhà iri mhìn mheall-shuileach,
'S toigh leam fhìn cruinneag a' chruidh;
Nighean donn nam meall-shuilean,
Air m' fhallain thug mi spèis dhut.
Is mise tha gu brònach,
Nach fhaod mi fuireach còmhla riut,
'S mi tarraing air na ròpan,
'S a' chòrcach air mo lèine.
Air a' mheadhan-oidhche,
Ged b' ann am bà rr a' chroinn e,
Bhith cuimhneachadh do choibhneis,
Gun tug e roinn dem chèill uam.
Nuair rachadh i don bhuaile
A bhleoghan a' chruidh ghuaillinn,
'S e 'n ceòl as binne chualas,
A duanagan gan èisteachd.
Cha b' e meud do stòrais
A chuir mi fhìn an tòir ort,
Ach caileag laghach bhòidheach,
Bhith còmhla rium ag èirigh.
Ged tha sinn gann de stòras,
Chan eil sinn gann den òige;
'S a chaoidh cha dìobair lòn sinn,
Ma bhios sinn beò le chèile.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.