Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair MacDhòmhnaill (Alasdair Raghnaill Ruaidh) agus air a sheinn le: Criosaidh NicEachainn.
This is a song written by: Alasdair MacDhòmhnaill (Alasdair Raghnaill Ruaidh) and sung by: Criosaidh NicEachainn.
O, g' eil sinn fo mhulad
Dh'fhà g thu sinn fo leòn
On a dh'fhà g thu 'n t-à ite
A rinn d' à rach òg;
Tìr nam preas 's nam bruachan
Tìr nan sliabh as bòidhch'
Uibhist nam beann uaine
'S an d'fhuair laoich an lòn.
Fhuair sinn sgeul Disathairn'
Thug dhuinn uile bròn;
Thusa, ghrà idh, a Dhonnchaidh,
Thall air chuan fon fhòd:
Ã’igfhear thapaidh choibhneil
Là n de ghean is spòrs
Gheà rr am peilear uainn' thu
'S gun thu, luaidh, ach òg.
B' òg a dh'fhà g thu 'n t-Iochdair
'S thog thu ort dhan arm
A rèiseamaid Chloinn Chamshroin
Sheas ri iomadh cà s;
Luchd nam breacan uaine
Sliochd nan uaislean còir,
Bidh an cliù 's an eachdraidh
Fhad 's bhios Gaidheil beò.
O, gum b' eòlach mis' ort
Nuair a bha sinn òg
Leum air feadh nam bruachan
Uallach mar bu chòir;
'S beag a shaoil sinn 'n uair sin
Blà r a bhith tighinn oirnn
Sinn a' ruith gu h-uaibhneach
Cas-ruisgt' feadh nan lòn.
A Ghearmailtich bha suarach
Na do ghnìomh 's nad dhòigh
Mheall thu sluagh an t-saoghail
Le mar luaths do bheòil
Ach gheibh thu buille chrà iteach
Man tig crìoch a' bhlà ir
'S bidh thu air do chlaoidh
'S cha tog thu ceann gu brà th.
Ach sguiridh mi dhen dà n seo
Le cion bhriathran beòil
Bho nach dèan mi bà rdachd
'S faoin a tha mo ghlòir;
Ach cha leig sinn dìochuimhn'
Fhad 's a bhios sinn beò
Air a' ghaisgeach uasal
Sheas a Righ 's a chòir.
"'S e boireannach toilichte a th' innte. Sin a' chiad rud is urrainn dhomhsa rà dh mu deidhinn. 'S e boireannach toilichte, agus daonnan toilichte. Agus ...
Fiosrachadh air Criosaidh NicEachainn / Learn more about Criosaidh NicEachainnCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.