Òran air a sgrìobhadh le: murchadh mac a' ghobhainn agus air a sheinn le: Na Siaraich.
This is a song written by: murchadh mac a' ghobhainn and sung by: Na Siaraich.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Mo shoraidh leis na fuar-bheannan
'S na glinn san robh mi buachailleachd
O 's duilich leam mar dh'fhuadaicheadh
An sluagh a bh' ann a' còmhnaidh.
An sliochd 's na suinn chaidh à rachadh
Sna glinn sin a chaidh fhà sachadh
An-diugh mar Ghoill gun Ghà idhlig ac'
Air srà idean bhailtean mòra.
Chan fhaic tha falbh nan garbhlaichean
Ach cìobairean is sealgairean
Nach buin do thìr na h-Albainn
On a fhuair iad sealbh is còir ann.
Chan fhaic thu leac nan teintean ann
Le mnathan òg is maighdeanan
Is fuaim ac' air an cuibhlichean,
Gu binn a' seinn an òran.
'S dè an t-iongnadh ged a bhà saicheadh
A' chà nan mhilis mhà thaireil
Cha labhair fèidh san fhà sachm i
'S tha chaora bhà n gun chòmhradh.

Thà inig Na Siaraich còmhla mar chòmhlan ann an 1973 agus ged a bha iad gu math soirbheachail agus a' còrdadh gu mòr ri luchd-èisteachd, sgaoil ...
Fiosrachadh air Na Siaraich / Learn more about Na SiaraichCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.