Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacDhòmhnaill (Iain Lom) agus air a sheinn le: Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige).
This is a song written by: Iain MacDhòmhnaill (Iain Lom) and sung by: Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige).
Moch 's mi 'g èirigh 's a' mhadainn
is trom èisleanach m'aigne
is nach èighear mi 'n caidreamh nam brà ithrean.
Leam is aithghearr a' chèilidh
rinneas mar ris an t-Seumas
ris na dhealaich mi 'n dè moch là Cà isge.
Leam is aithghearr a' chèilidh
rinneas mar ris an t-Seumas
ris na dhealaich mi 'n dè moch là Cà isge.
Dia 'na stiùir air an darach
dh'fhalbh air tùs an t-siùil-mhara,
seal mun tug e cheud bhoinne de thrà ghadh.
Dia 'na stiùir air an darach
dh'fhalbh air tùs an t-siùil-mhara,
seal mun tug e cheud bhoinne de thrà ghadh.
Ge b'e à m cur a' chorc' e
's mi nach pilleadh o stoc uat,
's ann a shuidhinn an toiseach do bhà ta.
Ge b'e à m cur a' chorc' e
's mi nach pilleadh o stoc uat,
's ann a shuidhinn an toiseach do bhà ta.
Nuair bhiodh cà ch cur ri gnìomhadh
bhiodh mo chuid-sa dheth dìomhain,
'g òl nan gucagan fìon air a fà radh.
Nuair bhiodh cà ch cur ri gnìomhadh
bhiodh mo chuid-sa dheth dìomhain,
'g òl nan gucagan fìon air a fà radh.
Cha bu mharcach eich leumnaich
a bhuinigeadh geall rèis ort
nuair a thogadh tu brèid os cionn sà ile.
Cha bu mharcach eich leumnaich
a bhuinigeadh geall rèis ort
nuair a thogadh tu brèid os cionn sà ile.
Cha b'iad na luchà rmainn mheanbha
bhiodh ma cupaill ag ealdhadh
nuair a dh'èireadh mòr shoirbheas le bà irlinn.
Cha b'iad na luchà rmainn mheanbha
bhiodh ma cupaill ag ealdhadh
nuair a dh'èireadh mòr shoirbheas le bà irlinn.
Ach na fuirbearnaich threubhach
's deis a dh'iomradh 's a dh'èigheadh,
bheireadh tulg an tus clèith air rà mh brà ghad.

'S ann à Gleann Ùige a tha Ailean Dòmhnallach agus thòisich e a' cluich na pìoba nuair a bha e naoi bliadhna a dh'aois. Fhuair ...
Fiosrachadh air Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige) / Learn more about Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige)Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.