Òran air a sgrìobhadh le: Iain Dubh Geà rr agus Iseabail NicAnndra agus air a sheinn le: Ceathrar à Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu.
This is a song written by: Iain Dubh Geà rr agus Iseabail NicAnndra and sung by: Ceathrar à Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu.
Bu Ghriogaireach dà rìreadh
À Ruadh-shruth an Gleann Lìomhan
A rinn an ceòl tha rìomhach
Ris canar leinn na Tulaichean.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
O Thulaichean gu Bhealaichean
'S o Bhealaichean gu Thulaichean
'S mur faigh sinn leann 's na Tulaichean
Gun òl sinn uisge Bhealaichean.
B' ann an Taigh na Srà ide
A thug iad ionnsaigh bhà is air
'S mur biodh e ro là idir
Bha ochdnar nà mh ro mhurrach air.
Ach labhair Iain Dubh Geà rr riuth'
"Bha mi anns a' cheà rdaich,
'S cha chrom mi sìos mo cheann duibh
Ged thionndaidh sibh uile rium."
'N sin bhuail iad uil' air còmhladh
'S ged bha Iain Dubh na ònar
Cha b' ann dam buannachd tòiseach
Bha fuil mu shròin a h-uile fir.
'S nuair phaisg e suas a gheur lann
'S a dh'ìoc e mheud 's a dh'èigh e,
Gun tug e 'n sin Srath Spè air
'S bha tè ann a chuir furan air.
Chuir iad cuideachd là idir
An dèidh Iain Dubh Mhic Phà draig
'S nuair shaoil leoth' e bhith 'n sàs ac'
'S e bàs bh' air a chumadh dhaibh.
Oir thà inig fios an uaigneis
Don t-sabhal 's e na shuain ann:
"Tog ort Iain Duibh, 's bi gluasad,
'S thoir às cho luath 's is urra' dhut."
'S e thuirt a leannan ceutach
"A ghaoil, cuir ort! 'S bi treunmhor
Is dhut bidh mise feumail
Oir bidh mi gad chuideachadh.
"Thoir uidheam dhomh gu sùrdail
Is lìonaidh mi gu dlùth dhut;
'N sin cùmsa, ghrà idh, do chùl rium
'S do shùil air na h-uile fear."
Sheall e cia lion bh' ann diubh
Mun rachadh e gun ionnsaidh;
Bha dà fhear dheug is ceannard
Cho teann air 's a b' urra iad.
Chùm e riutha a bhòtach
'S bha Iseabail ga chòmhnadh;
Cha do thà rr iad gus an eòlas
'S ann leòn e gu h-ullamh iad.
Gheà rr e leum gu h-eutrom
Gun ionnsaidh, agus fraoch air,
Cha d' fhà g e ceann air h-aon diù
Thoirt sgeul air an turas ud.
"Mo bheannachd air an t-sealgair
Annad chuirinn earbsa;
'S tu rinn an gnìomh neo-chearbach
'S tu dhearbh a bhith urramach."
Thuirt Iain Dubh 's e tionndadh
"On rinn mi 'n gnìomh bha shannt orm;
Ghaoil, grad thoir deoch den leann domh
'S gun danns mi na Tulaichean.
B' e an t-aighear is an t-aoibhneas
'N à m cruinneachadh ri chèile
Nuair chluinneamaid na teudan
Gan gleusadh do na Tulaichean.
Nam bithinn mar bu ghnà th leam
'S Mac Ailpein a bhith là mh rium,
Bu bhinn leam bhith ga èisteachd
Nuair thà ireadh air na Tulaichean."
Sgeulachd an Ã’°ù²¹¾±²Ô
Bha fear de Chloinn Ghriogair, Iain Dubh Geà rr, à Ruadh-shruth ann an Gleann Lìobhann aig fèill an Cill Fhinn aig deireadh na siathamh linn deug no toiseach na seachdamh linn deug.
Chaidh ionnsaidh a thoirt air le ochdnar ann an Taigh na Srà ide, Streethouse, taigh-òsta Chill Fhinn. B' e duine là idir a bh' ann, sgileil le claidheamh agus rinn e a' chùis orra agus theich e do Shrath Spè far na phòs e tè Iseabail NicAnndra.
Thà inig dusan an tòir air le fear os an cionn. Nuair a chaidh rabhadh a thoirt dha gu robh iad a' tighinn, bha e dol a theiche ach thuirt Iseabail, a bhean, ris gum bu choir dha seasamh aca.
Bha gunna 's daga aige agus bha esan a' losgadh orra troimh thuill ann am balla an t-sabhail fhad 's bha a bhean a' gleusadh nan gunnachan dha. Mu dheireadh bha na nà imhdean uile marbh no air an leòn. Thà inig Iain Dubh a-mach an uair sin 's thug e an ceann bhon na h-uile duine aca.
Thug Iseabail deoch leann dha 's nuair a thrà igh e e, bha e air a rà dh gun do chruthaich iad an dannsa, Na Tulaichean no Reel of Tulloch, a bha measail aig daoine riamh on uair sin.
Seo an dreach den òran a chaidh fhoillseachadh sa bhliadhna 1884 anns an leabhar The Killin Collection of Gaelic Songs with Music and Translations, a dheasaich Teà rlach Stiùbhart a rugadh ann an 1823.
Bha Teà rlach à Fartairchill aig ceann shìos Ghleann Lìobhann agus tha e ag rà dh gu robh e den bheachd gun robh an ceòl ann bho shean. Tha e ag rà dh cuideachd gum buineadh na lighichean Gregory, a rinn Sgoil nan Lighichean ann an Dùn Eideann cho ainmeil, don t-sliochd aig Iain Dubh Geà rr.
San rann mu dheireadh tha fear MacAilpein air ainmeachadh agus tha an t-òran ag rà dh "Bu bhinn leam bhith ga èisdeachd". Tha e coltach gu robh na h-Ailpeinich nam fìdhlearan ainmeil ann an Cill Fhinn agus bha fear dhiubh ann, Iain MacAilpein, a bhiodh a' cluich an fhuinn seo. Tha an ceòl dlùth ris an dòigh-chluich aig MacAilpein, agus tha Teà rlach Stiùbhart ag rà dh gu bheil e glè fhreagarrach gum biodh e mar seo 's na h-Ailpeinich air a bhith ga chluich fad trì cheud bliadhna.
Tha na ceathrar a tha a' seinn còmhla uile nam buill de Cheòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu. Choisinn iad a' phrìomh dhuais airson Òran Cheathrar aig a' ...
Fiosrachadh air Ceathrar à Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu / Learn more about Ceathrar à Ceòlraidh Ghà idhlig GhlaschuCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.