Òran air a sgrìobhadh le: Ailean Mac Dhùghaill (Ailean Dall) agus air a sheinn le: Calum MacIain.
This is a song written by: Ailean Mac Dhùghaill (Ailean Dall) and sung by: Calum MacIain.
Nam faighinn gille r' a cheannach,
A bheireadh beannachd gu MÃ iri,
'S mo shoraidh le caoimhneas
A dh-fhios na maighdinn a chrà idh mi;
Ga nach a tug mi dhut faoidhrein,
Ann am foill dhut cha d' fhàs mi:
'S mar a math leam thu fallain,
Nar a mheal mi mo shlà inte!
Nar a mheal mi mo chòta,
Mar b' e mo dheòin a bhi là mh riut,
'S a bhi brìodal rim leannan,
An seòmar daingeann na clà raidh,
An iuchair fhaotainn am phòca,
'S gun an tòir a bhi là imh rinn,
'S mi gun dèanadh do phògadh,
Gun fheòraich dom chà irdean.
Gun fheòraich dom chà irdean,
'S fada a dh' fhalbhainn ad choinneamh
Far an dèanainn riut còmhail,
Cha bhithinn beò gun a cumail:
Tha mo dhuil anns a' mhaighdinn
Nach trèig do chaoimhneas mi uile;
'S mar do chaochail thu à bhaist,
Gheibhinn d'fhà ilt' agus d'fhuran.
'S e d'fhuran a leòn mi
A dh'fhà g am bròn seo air m' aigne,
A thromaich m' inntinn fo èislein,
Cha dèan mi èiridh le gradadh:
Tha mo chridhe neo-shunndach,
The mi brùite fom aisnean,
Aig a' mheud 's thug mi ghaol dut,
'S nach fhaod sinn bhith tachairt.
Nach faod sinn bhith tachairt
An à ite falaich no 'n uaigneas,
Far an dèanainn riut beadradh,
Is tacan cleasachd air uairean;
Ach 's e lagaich mo mhisneachd,
Nach faod mi tric bhith mun cuairt dhut:
B'fheà rr a phòg na bhith falamh,
Mar a faigh mi do bhuannachd.
Mar a faigh mi do bhuannachd
B'fheà rr gum buailte mi thairis
Gun cà irte fon lic mi
Ann an ciste chaol dhaingean;
Ma nì thu mo thrèigsinn
B'fheà rr gun eugainn 's nach fanainn
Aig a' mheud 's thug mi spèis dhut
Chan eil m'èibhneas air thalamh.
Chan eil m' èibhneas air thalamh,
Mar a faigh mi thu, Mhà iri!
Cha dual domh bhith fallain
Ma bhios mi fada mar tha mi:
Cha ghuidhinn mo ghalar
Dom charaid no m' nà mhaid;
Chaidh acaid am chridhe,
'S cha dèan lighichean stà th dhomh.
Cha dean lighiche stà th dhomh
Chan fhaigh mi plà sda nì leigheas
Tha mo thrioblaid do-thuigsinn
Do dh'fhear nach d'fhairich a leithid;
Mur dean thusa rium fà bhar
Bidh mi crà iteach fo dheireas
Ach 's e dhèanadh mo shlà inte
Pòg no dhà bho d' bheul milis.
Beul milis, dearg, daite,
Deud snaighte mar dhìsnean,
Sùil ghorm is glan sealladh
Fon chaol mhal' aig an rìbhinn
Tha cùl buidhe mar òr ort,
Is bòidhche nan dìthean;
Blas na meal' air do phògan,
'S b' e mo dheòin bhi riut sìnte.
B' e mo dheòin a bhith sìnte
Ri slios mìn gheal mo leannain
Tha do bhrà ighe mar fhaoilinn
'S tha do thaobh mar an eala
Cìochan corrach 's iad liontaidh
Air uchd prìseil na h-ainnir
'S math thig nèapaigin shìoda
Gan cumail dìomhair air falach.
Ged chum mi falach an sgeul ud
Tha mi 'n dèidh bho cheann greis ort;
Aig a' mheud 's thug mi ghaol dut
Tha m' aodann air preasadh:
Dh'fhàs glaise nam ghruaidhibh,
'S bochd a bhuaidh th' air an t-seirc sin,
A chaochail mo shnuadh dhìom,
Mar dhuine truagh thig à teasaich.
Mar dhuine truagh thig à teasaich,
A bhiodh fad ann am fiabhras,
'S ann a dh'fhàs mi mar fhuathaiche,
Cho cruaidh ris an iarann;
Ach bho thoiseach ar sinnsridh,
'S nì e thigeadh gun iarraidh,
An gaol agus eagal,
'S gun leisgeul an t-eudach.
Chan eil mi 'g eudach an-drà sta
Ged a tha mi fo smalan
Fo eagal le cùram
Gun dean thu lùbadh le balach;
Nach pà igheadh an t-umhladh
'S a bheireadh cùis dhiot a dh'aindeoin.
'S nam biodh d'fhuran aig Cìobair
'S ann leam fhin b'olc an airidh.
'S ann leam fhin b'olc an airidh
Ma mhealar an òg bhean
Le buachaille chaorach
'S mis' air faoin-trà igh gu m'fheòraich;
Mar faigh mi cuireadh gu d'bhanais
Airson carthanntachd eòlais
Ma bhios mi na dheidh maireann
Nì mi fhathast dhut òran.
B' e Calum Mac Iain fear den triùir ghillean a bha aig Aonghas Chaluim agus Catriona Aonghais ic Dhòmhnaill Mhòir ann am Barraigh. Rugadh e ...
Leugh fiosrachadh mu Calum MacIain / Learn more about Calum MacIainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.