Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam MacCoinnich (Bà rd Cnoc Chùsbaig) agus air a sheinn le: anna s. nicDhòmhnaill, catrìona nicÌomhair agus mà iri mairead nicIllEathain.
This is a song written by: Uilleam MacCoinnich (Bà rd Cnoc Chùsbaig) and sung by: anna s. nicDhòmhnaill, catrìona nicÌomhair and mà iri mairead nicIllEathain.
Nan ceadaicheadh an tìde dhomh 's gun innsinn e do chà ch
Mar a mheall an saoghal mi le faoineasan gun stà th,
Nuair bha mi meadhan sòlais le mo theaghlach òg 's iad slà n
Is mar a chaidh an sgapadh uam le freastal is le bà s.
Mo chridhe gheall e mòran dhomh nuair bha mi òg is faoin;
Gheall e iomadh seòrsa dhomh de shòlasan an t-saoghail;
Gheall e nuair a phòs mi dhomh gum bithinn beò gu aois,
Gum biodh gach nì mar dh'òrdaichinn, 's mo chòmhnadh ri mo thaobh.
Ach tha mo latha dol seachad mar tha sgà il is faileas luath,
'S na sòlasan chan fhaigh mi iad, tha iad ri teannadh bhuam,
'S mo theaghlach iad ri sgapadh bhuam, is fear ac' nach eil buan,
'S bhom chèile b' fheudar dealachadh chaidh eadar mi 's e 'n uaigh.
Fà saidh smal air òr, 's fà saidh còinneach air an aol;
'S thèid a' ghrian a còmhdachadh le ceò is le droch thìd',
Na lusan 's bòidhch' san t-Samhradh bheir an Geamhradh gu neo-bhrìgh
Ach gaol far 'n deach a dhaigneachadh cha tèid air chall an tìm.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.