Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Kitty NicLeòid.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Kitty NicLeòid.
Nuair chunna mis' an toiseach thu
'S tu dubh le gual a' bhà ta,
'S e còig bliadhn' deug a dh'aois a bha thu,
Ghaoil, nuair thug mi grà dh dhut.
Nuair chunna mis' a-rithist thu
A' tighinn 's fiamh a' ghà ir' ort,
Gun phloisg mo chridh' le aoibhneas riut
Mar dhaoimean ann a' fà inne.
Cuimhnich air do bhòidean dhomh
'S an còmhradh bhiodh tu 'g rà dh rium;
Aig ceann a-muigh a' Royal
Thug thu bòid dhomh nach do phà igh thu.
Do chòmhradh aig a' mhansa dhomh
Disathairn' dol dhan t-SÃ baid,
Nach fhaicte air an t-saoghal
Bean mo chaochlaidh air do ghà irdean.
Ged tha mi nam dhìlleachdan
Nam aonar 's mi gun bhrà thair,
Is iomadh nighean tuathanaich
Nach d' fhuair a' fear a b' fheà rr leath'.
Mas e 's gun do dh'fhuathaich thu mi
'S gur h-i 'n tè ruadh is fheà rr leat;
Chan fhada, ghaoil, gun gluaisear leam
Gu cluasag fhuar nach blà thaich.

Anns a' bhliadhna 1914, rugadh Kitty NicLeòid anns na h-Innseachan, far an robh a h-athair Coinneach MacLeòid, Coinneach Aonghais Ruaidh no A' Gheinn, à Adabroc ...
Fiosrachadh air Kitty NicLeòid / Learn more about Kitty NicLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.