Òran air a sgrìobhadh le: donnchadh macCuinn agus air a sheinn le: bette c. nicDhòmhnaill, Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain agus katrina nicDhòmhnaill.
This is a song written by: donnchadh macCuinn and sung by: bette c. nicDhòmhnaill, Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain and katrina nicDhòmhnaill.
Nuair thig oirnn an samhradh b' e m' annsachd 's mo mhiann,
Bhith dìreadh a' bhealaich nuair dh'èireas a' ghrian
Am feur air na raointean fo eallach de dhriùchd,
Is lùb air gach cuiseig, gach lus agus flùr.
Bu shunndach bhith 'g èisteachd san òg-mhadainn chiùin,
Ri ceilear na h-uiseig brà igh lòintean an driùchd,
I seinn òrain maidne le grinneas 's gach pong,
'S gach eun anns an ealtainn a' togail air fonn.
Tha 'n smeòrach gu cridheil san doire ud thall,
A' chuthag 's gùg-gùg aic' air mullach nan crann,
Grian òirdhearc a' boillsgeadh tro dhùmhlachd nan geug,
'S an driùchd air gach duilleig a' deà rrsadh mar reul.
Ged bhithinn fo mhìghean is m' inntinn fo leòn,
Mi airsneulach tùrsach neo-shunndach gun treòir;
Ged bhithinn gun spèiread is m' aigne fo phrà mh,
'S e dh'fhuadaicheadh m' èislean bhith 'g èisteachd nan
dà n.

Bha Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain fo stiùireadh Chaluim MhicChaluim L.R.A.M., A.R.C.O. fad ochd bliadhna fichead, agus ann an eachdraidh nan còisirean Gà idhlig ma ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain / Learn more about Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille ChiarainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.