Òran air a sgrìobhadh le: niall mac ille sheathanaich agus air a sheinn le: alasdair macLeòid agus Alasdair MacGillìosa.
This is a song written by: niall mac ille sheathanaich and sung by: alasdair macLeòid and Alasdair MacGillìosa.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Thèid mi null gu tìr mo rùin,
Thèid mi null thar an aiseig,
Thèid mi null gu tìr mo rùin,
'S mòr mo shunnd a' tilleadh dhachaigh.
Thèid mi null ann thar a' Chaoil,
'S ann ann a tha mo dhaoine fanachd.
Gheibh mi fà ilt' bhom mhà thair chaoin,
Nuair bu mhaoth mi, 's i rinn m' altram.
Chì mi 'm bà ta fo a siùil
A' tighinn dlùth don a' chala,
Chì mi m' athair aig an stiùir
'S cha bhi cùram oirnn ron chas-shruth.
Às a' bheinn gun toir mi fiadh,
Gheibh mi iasg às an abhainn;
Le mo ghunna, mar is miann,
Gheibh mi liath-chearc is lacha.
Bidh mo chridhe leum le mùirn,
'S mòr mo shunnd is chan airtneal;
Chan eil coimeas tìr mo rùin
Ann an dùthaich eil' air thalamh.

Rugadh Alasdair MacGillìosa ann an Glaschu air 8 Faoilleach, 1938. 'S ann às an Dìg ann a' Stafainn an Eilean Sgitheanaich a bha athair, Seonaidh ...
Fiosrachadh air Alasdair MacGillìosa / Learn more about Alasdair MacGillìosaCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.