Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Cairistìona Cheanadach.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Cairistìona Cheanadach.
O leannain, an e mo mhealladh
An e mo mhealladh, an dèidh do ghealladh?
An e mo mhealladh, a rinn thu leannain?
'S gur e do mholadh nì mi gu brà th.
Ciamar a shaoileas tu gun èirich math dhut
An dèidh mar rinn thu le foill mo charadh?
Chaidh thu eadar mi fhìn 's am balach
Dhan tug mi gealladh 's mi nam phà ist'.
Ciamar a shaoileas tu gu soirbhich Dia leat
An dèidh mar mheall thu mi leis na breugan?
'S a liuthad oidhche, ged bhiodh an sian ann
A laigh thu sìos ri mo chliathaich bhlà th.
Bha mi 'n oidhch' ud is mi nad leasraidh
Aig bun na craoibhe fo bhonn a' chreagain;
Cha do dhiùlt mi san à m mo dhleas dhut
'S cha d' ghabh mi 'n t-eagal gun d' bhreab am pà ist'.
Fhuair mi aparan ùr den t-sìoda
Is ged a fhuair bha mo chrios a' dìreadh;
Thuirt mo mhà thair nach robh sin dìleas
Is dè dhomh fhìn e ach mar am bà s.

Thogadh Cairistìona Cheanadach ann an Orasaigh air na Lochan, Leòdhas. Chaidh i do Sgoil Leumrabhagh agus an uair sin do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. ...
Fiosrachadh air Cairistìona Cheanadach / Learn more about Cairistìona CheanadachCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.