Òran air a sgrìobhadh le: murchadh macLeòid (Bhatairnis) agus air a sheinn le: Calum Ceanadach.
This is a song written by: murchadh macLeòid (Bhatairnis) and sung by: Calum Ceanadach.
Nì mi innse le fìrinn an nì rinn mo chrà dh
Bheir snìth air mo shùilean 's a dhùineas mo chà il
An gaol thug mi m' mhaighdeann bu chaoibhneile ghnà th
Dom b' ainm Mà iri Anna, tha san anart a' cnà mh.
'S ann air feasgar Diciadain nuair bha ghrian anns na
neòil
'S i ri deà lradh cho brèagha, cho sgiamhach ri òr;
Thachair mise 's mo Mhà iri ann an gà radh nan ròs
Is bha fà ileadh nan ùbhlan glè chùbhraidh tighinn oirnn.
Nuair thuig a h-athair 's mà thair gu robh Mà iri an gaol
Rinn iad faighneachd gun dà il dhi cò h-ailleagan caomh
Fhreagair i gum b' e gunnair o mhullach an t-slèibh
Fear à Gà idhealtachd na h-Alba far am marbhte na fèidh.
Nuair a chual' iad a facal gun do ghlas iad i suas
Ann an seòmar bha glaiste fad seachdain gun truas
Tha mo chridhs' brist' nach fhaodainn bhith bruidhinn ri
mo luaidh
'S i gam choimhead tron uinneig 's na deòir a' ruith sìos
o gruaidh.
Thà inig litir gam dh'ionnsaigh air a dùnadh gu dlùth
Mi dh'fhalbh sìos gu siùbhlach gu cùlaibh an dùin;
Far 'n robh carbad gu mùirneach gus mo ghiùlain gun dà il
Gu pà ileis duin-uasail, far 'n robh gruagach mo ghrà idh.
Nuair a rà inig mi 'n aitreabh far 'n robh m' à illeagan
buan
Rinn a sùilean ciùin drabhadh 's bha dreach a' bhà is air a
gruaidh
'S nuair a thug mi mo là imh oirr' dh'fhà g a cainnt i gu
luath
'S dhùin a sùilean sa chadal nach dùisg 's a bhith buan.
O Mhà iri, e Mhà iri, 's tu dh'fhà g mi cho tinn
'S tu dh'fhà g mi fo mhulad is duilich ga inns'
'S ann ort tha mo smuaintean a latha 's a dh'oidhch'
Gus an tèid mi dhan anart, cha sguir mi gad chaoidh.

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...
Fiosrachadh air Calum Ceanadach / Learn more about Calum CeanadachCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.