Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: dòmhnall mac ille dhuinn.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: dòmhnall mac ille dhuinn.
Hì rìthill èile hò ro,
Ho rò ho rìthill hò rò,
Hì rìthill èile hò rò,
Ochòin! Mar a dh'fhalbh sinn.
An oidhche sin a bha sinn
An cala Cheann Loch Àlainn,
Bha sìd' againn gur n-à ilgheas
'S i blà th gun dad soirbheis.
Cha b' fhada mach sa chuan sinn
Nuair thrus a' ghealach buaile;
Bha cuid dhi dearg is uaine,
Bha gruaim oirre gu soirbheas.
Dol seachad Iochdar Eirig
Gun thòisich i ri sèideadh;
A' mhuir na gleanntan èitidh
'S na speuran fo dhalla-bhrat.
'S gun leig sinn ris an trà igh i
Cho fad 's a leigeadh là n i:
An trà th fhuair sinn a toirt sà bhailt'
Gun tug sinn là mh air gealbhan!
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.