Òran air a sgrìobhadh le: alasdair caimbeul (Tida a' Phuilein) agus air a sheinn le: alasdair caimbeul (Tida a' Phuilein).
This is a song written by: alasdair caimbeul (Tida a' Phuilein) and sung by: alasdair caimbeul (Tida a' Phuilein).
'S e bothain beag na h-èiginn an Suaineabost, am baile seo,
A thog sinn airson cèilidh le lèig an tac a' bhall' aige,
Tha loch air cùl na geibheal, bùrn èirigh am pailteas innt,
Ma thèid thu dhan an leig ud, chan èirich thu gu samhail aist'.
'S an uair chuir iad clach-stèidhidh, bu sgiobalt' chaidh a' chlachaireachd,
Beagan de foundation 's bu treun a bha na ballaichean,
Chaidh ceann air a bha able le sreath de felt Bùth Ailein air,
'S na ballaichean a' lìnigeadh le sheetichean de phlasterboard.
'S thà inig là raidh Sheòrais à Steòrnabhagh dhan bhail' againn,
Baraillean gu leòr innt' 's gu sgiobalt' chaidh an tap a bh' air,
Chaidh na glainnichean a lìonadh 's bha sruplaich air na h-amhaichean,
Ged tha tiormachd as an à it' seo cha bhà saich thu le dram' agad.
'S bha Kenny le bheul sà sach a' gà ireachdainn 's a' lachanaich,
Bha Mogaran is Pà draig, Spilt grà nnda chuir an teine air,
Dòmhnall Nèill a bha na bharman a' sìneadh suas nan glainneachan,
Iain Mob an charge-hand, an airgead ann am pana aige.
'S bha Sith'-bheag an seòladair, dh'òl e iomadh barail ann,
Bha Nounie le meileòidian a' cluiche mar a b' aithne dha,
Bha Geobles mòr a Bhuoy, an uisge-beatha tighinn thairis air,
Iain Ghlen 's a' Phleòtag gu spòrsail a' fanaid air.
Thaing sin Iain Ròigean a tha 'n còmhnaidh na choigreach ann,
Thòisich e ri 'g ùrnaigh 's chuir e smùid air a' Mhogaran,
Sheinneadh e Fil-o-ro is chuireadh e a chadal iad,
Chan eil an leithid ann ach Loisidh cho Dhail bho Dheas gu Adabroc.
'S bha Stingear as a' chòrnair, bu bhòidheach an sealladh e,
Bha 'm Briogaisean is Geordie nan suidhe ris an doras ann,
Bha Uilleam Chaluim Rèilidh, cha robh e airson caithris ann,
Ach nuair rinn e airson èirigh, nochd Jock Troop le gad aige.
Chosg e iomadh gà ire a' fà ilt' chuir Ceitidh Chailein air,
Chanadh an uair sin PÃ draig, Iain nach reic thu a' gharaids rium,
Fhreagradh Iain cho smà bail, "Thalla 's thoir taigh na galla ort,"
'S Kenny le grèim air mhàs air ag èigheachd, "Cuiribh teine ris."
Ach tha mi nas ga fhà gail an dùil gu bheil e maireannach,
Chaidh iomadh pinnt bhon uair sin òl ri taobh an teine ud,
'S cuimhnich sibhse chà irdean, a chaoidh ma thig am pathadh ort,
Bothan Shuaineaboist d' à ite, a ghabhail slà inte nam balaich ann.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.