Òran air a sgrìobhadh le: Seumas Caimbeul (Gleann Peighinn) agus air a sheinn le: Eddie MacRath.
This is a song written by: Seumas Caimbeul (Gleann Peighinn) and sung by: Eddie MacRath.
Och, och, mar tha mi 's mi siubhal fà saich
'S na glinn 's am b' à bhaist na fir bhith còmhnaidh;
Tha m' inntinn crà iteach, cha dèan mi à icheadh
'S mo leannan Hà nah 's i dol a phòsadh.
'S tha gleann a' chaorainn air fàs cho aognaidh
On a dh'fhalbh na daoin' às air 'n robh sinn eòlach;
Is geur an ùine gus am fà g mi fhìn e
'S cha dèan mi dìreadh ri Strìop a' Chòmhlain.
'S a nìonag cliùiteach tha maise giùlain
Cha mhaidse Diùc dhut air ùrlar sheòmar;
Cas is deasa 's a thèid an ruidhle
Bho ghleusadh fìdhle air ùrlar bòrda.
Ach oidhche bhà il thuig mi chùis mar bha
Nuair thà inig cà il dhuinn gu danns' a' phòca;
Fear ùr nam à ite na shuidhe là mh riut
Is mis' air m' fhà gail fo phrà mh air sòfa.
'S mar diù leat cìobair cha bhi mi strì riut
O, 's i mo chiùird i o là ithean m' òige;
Ri Beinne Sìthein a leag mi m' inntinn
Oir 's ann sna glinn seo bha m' shinnsir còmhnaidh.
Chuir iad ormsa gu robh mi aotrom
'S gum bithinn daonnan sna taighean-òsta;
'S ged bheirinn taom ann cha robh mo ghaol ann
Ach comann dhaoin' agus gaol a' chòmhraidh.
'S ged tha mi bochd 's mi gun stòras agam
Chan fhuiling mi facail no smachd bho dròbhair;
Tha 'n òige gleac rium, 's i fheà rr nam beairteas
Is mac na braiche toir misneachd dhòmhsa.
Ach feuch nach meall ort nam beil an geall riut
Tha mòran ann diubh ri shìr' do phòsaidh
Na creid an cainnt gus am faigh thu snaim air
Tha 'n gaol cho mealltach, 's gun ann ach dòcha.
Rugadh agus thogadh Eddie MacRath ann an Gleann Seile, faisg air là rach Blà r Ghlinn Seile. Ghluais an teaghlach à sin gu croit an Lùb an ...
Fiosrachadh air Eddie MacRath / Learn more about Eddie MacRathCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.