Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Greumach (Donnchadh Dodd) agus air a sheinn le: Iain Dòmhnallach (Hoddan).
This is a song written by: Donnchadh Greumach (Donnchadh Dodd) and sung by: Iain Dòmhnallach (Hoddan).
'S hè rò ghuga, hò rò ghuga,
Hè rò ghuga, 's tu bha cà ilear,
Cha bhi mise chaoidh an tional
Far am bi daoine dèanamh tà ir ort.
Bha fear agam an-dè gu m' dhiathad,
Pìos dhan t-sliasaid, chaidh mi 'n sàs innt',
Ach bho fhuair mi idir sìos e
Cha do dh'iarr e thighinn an-Ã irde.
Ach fhuair mi pìos do dh'fhear an-uiridh,
O, mo chreach! Mo chreach-sa thà inig!
Nuair a chaidh e gu mo thruinnsear
Bha mi tinn fad là rna-mhà ireach.
Dh'fheuch mi pìos na mo bheul dhe
'S dhiùlt m' fhiaclan dhol an sàs ann,
'S cho fad 's a bhios mi beò bidh cuimhn' air
Fad na h-oidhch' le stamag chrà iteach.
Bha 'm pìos a dh'fhà g mi, dh'fhalbh an cat leis,
Chaidh e mach gu taobh a' ghà rraidh,
Rinn e ruith is their e meulaich,
Chrath e cheann is thug e rà n à s.
Fear a' reic rium fhìn an guga,
Cha mhòr nach mionnaichinn an-drà sta,
Gur e bh' aige trùilleach starraig,
Mharbh e timcheall nam pà ircean.
'S iomadh seòrsa feòil is iasgan
A dh'ith mi riamh air feadh gach ceà rnaidh,
Ach cho milis ris a' bhiadh ud
Cha do dh'fheuch bho dh'ith sinn bà irnich.
'S ma bhios sinn beò aig an ath thìd'
Tha sgioba a' cùm ri dol gu sà l innt',
Mi fhìn is Iain Ruadh is Tìoman,
Tillidh sinn le mìle 's còrr dhiubh.

Rugadh agus thogadh Iain 'Hoddan' Dòmhnallach (1925-2007) ann am Pabail Uarach, anns an Rubha, Leòdhas, mac le Aonghas 'Tonkan' Dòmhnallach agus Ealasaid Mhoireach à ...
Fiosrachadh air Iain Dòmhnallach (Hoddan) / Learn more about Iain Dòmhnallach (Hoddan)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.