Òran air a sgrìobhadh le: iain moireasdan (Iain na h-Earraid) agus air a sheinn le: dolaidh moireasdan (Dolaidh na h-Earraid).
This is a song written by: iain moireasdan (Iain na h-Earraid) and sung by: dolaidh moireasdan (Dolaidh na h-Earraid).
Tha balaich thapaidh, là idir aig Harland anns an nèibhidh,
'S gur ann air a' Ruahini a chuir e a' chuid bu treun dhiubh,
'S ged bha innte Sasannaich bha amaideach is èibhinn,
Bha mòran innt' bhon Ghà idhealtachd is innsidh mi gu lèir iad.
Bha Iain Ruadh 's Dòmhnall Phòisean innt', Munro is Mackay,
Bha Uibhistich is Sgitheanaich, 's bha biastan innt' às Àrnol,
Bha Sùid is Tomaruis innt', is Iain Con chan fheum mi fhà gail,
'S esan a head waiter a bha innt' sa mhain bar.
Tha Siarach eile còmhla rinn is cha bu choir dhomh fhà gail,
Maraiche cho tapaidh is cho math 's a tha sa bhà ta,
Ach feumaidh gun do ruagadh iad gu luath air falbh bhon t-Ã ite i,
Oir 's aithne dha an t-seòladaireachd 's cha bhruidhinn e mòran Gà idhlig.
'S e Siarach tha na lamp-trimmer 's gu h-ìosal gheibh thu a ghnà th e,
'S a' four-peak is fallas air, cho greannach ris an t-SÃ tan,
Ach feumaidh sibhse a thuigsinn gur e maraiche e bu nà dar,
Bha sheanair 'n eathar Bhrà gair 's mar sin chan fheum mi chà ineadh.
Ach cluinnidh mi sa mhadainn e 's an cadal na mo shùilean,
Ri 'g èigheachd anns an alleyway 'na rinn sibh fhathast dùsgadh',
Sinn a dhol dhan toiseach aic' is faighinn bucaid Ùidsidh,
An toirt chun an drochaid agus nighe gach taobh dhith.
Ach ged nach d' rinn a suidseadh bho thaobh-s' sinn a thà laidh,
Gur ann a tha rud mallaicht' ann nuair thig iad le na h-awnings,
Tha wirichean is canvas gan teannachadh an-Ã irde,
'S ann sgìth a bhios a h-uile fear mus fhaighear air an spà rr iad.
'S e h-uile fear bhios toilichte nuair gheibhear iad an-Ã irde,
Gach lanyard air an teannachadh le snaidhmeannan bhios à raid,
Ach 's ann a bhios 'n dibhearsain ann nuair thilleas i 's gach à irde,
'S nach fhosgail snaidhm na caillich ach le sgian bhios mar an razor.
A-nise Iain Shiaboist na biodh ort-sa tà mailt,
Ged chuir thu snaidhm na caillich dhuinn air haiyardan na h-awnings,
Bhon 's e thuirt an sgiobair is e coimhead orr' an-Ã irde,
Nach eil e furast' aithneachadh g' eil maraichean an Àrnol.
Ach cha b' ann an eathar Bhrà gair no ann an nèibhidh Harland,
A dh'ionnsaich thus' an t-seòladaireachd bho d' òig' ach air an à irigh,
'S greis nuair bha thu nad bhalach còmh' ri boireannaich an à ite,
Le crocanan de shiamanan gu feuragan air à irigh.
Ach chuala mise naidheachd a tha duilich leam bho dh'fhà g sinn,
Nuair ruigeas sinne dhachaigh g' eil an land-trimmer gar fà gail,
Gu bheil e ri dol dhachaigh còmh' ri muinntir eil' an à ite,
Thoirt a bheò-shlà int' anns an talamh leis a' spaid is leis a' ghrà pa.
Ach canaidh cuid a bhalaich rium gu bheil e dol Dhùn Èideann,
A faicinn 'm faic e 'n comataidh a th' air a' Chomunn Ghà idhealach,
A dh'fheuchainn ach an gabh iad e nach chleasaich' air an stage,
Oir dannsaidh agus seinnidh e cho math ri Betty Grable.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.