Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair Grannd, Gleann Moireasdan agus air a sheinn le: Donnie Murdo MacLeòid.
This is a song written by: Alasdair Grannd, Gleann Moireasdan and sung by: Donnie Murdo MacLeòid.
Ged nach eil mi ach òg
'S beag m' aire air ceòl
Rinn m' aighear 's mo phròis
Mo thrèigsinn;
Dhol don arm dem cheart deòin
'S mi chaidh iomrall sa cheò
Siud am marg' nach do chòrd
Na dhèidh rium!
Fhuair mi gealltanas mòr
Le boinn agus còir
Air nighean Rìgh Deòrs'
Mar chèile;
Nan creidinn an glòir
Cha b' eagal ri m' bheò
Dhomh an airgead no 'n òr
No 'n èideadh.
Nuair a shuidh sinn ag òl
'S a ghlac mise 'n t-òr
Gun robh dream mun a' bhòrd
Gar n' èisteachd;
Bha danns ann, bha ceòl,
Cur na bainnse gu dòigh
'S e mo chall-sa bha mòr
An dèidh siud.
'S iomadh oidhche fhliuch, fhuar,
Thug mi marcachd a' chuain
On a chinn an dath ruadh 's
Air m' èideadh;
Thug mi turas dà uair
Gu Righ Lochlainn nan cuach
'S ann da rìoghachd bu chruaidh
An sgeul ud.
Cha robh seud san robh luach
Eadar luingeas is shluagh
Nach do ghlac sinn an cluain
A chèile;
Loisg sinn aitreabh na ghual
Chuir sinn gaiseadh na Sguaib
Thug sinn creach às le ruaig
µþ±ð³Ü³¾-²õ²µÃ¨¾±³Ù³ó±ð.
Bha mi 'm Portugal thall
'S cha b'e m' fhortan a bh' ann
Nuair a nochd sinn cia 'n lann
Bu ghèire;
Nuair a rà ineas an camp
Air Sliabh altair na Fraing
Cha robh chasgairt ud fann
Mun ghèill iad.
Fear le feadan thrì bann
Ga spreigeadh sa champ
Bu bheag dheth san à m
Mo chèutabh;
B' annsa geum aig mart seang
Dol don bhuaile na deann
'S bean ga leigeadh am fang
Sa Chèitein.
Cha do shocraich mo shà il
Nuair a chuir iad mi 'n Spà innt,
Teas is fuachd ann am pà irt
A chèile;
Measg sluaigh air bheag bà igh
Nach gabh truas ri fear-cà is
Ged a bhuail air am bà s
Na èiginn.
Gu robh m' fhuil air a' bhlà r
Cur na tuasaid gu là r
'S goirt a fhuair mi mo chrà dh
'S mo dheuchainn;
Gun robh 'n uair gu ro bhlà th
Mun do bhuaineadh am bà rr
Gun robh cuan de shruth bà it'
Fo m' lèine.
'S iomadh fà rdach is fròg
Far an robh mi tra-nòin
On a chaith mi 'n ciad chòt'
Is lèine;
Agus clà r, agus bòrd,
Air na chà ireadh mo lòn
'S tric a phà igh mi dhaibh òr
Na èirig.
'S gann à it' den Roinn Eòrp'
Eadar thrà igh is thìr-mòr
Nach eil là rach mo bhròig
'S gach ceum dheth.
Falbh feadh fhà saichean feòir
Agus à rd-bheanna ceò
Ri uchd spà irn agus gleòis
'S ratreuta.
'S fhad on chualas am rann
Mar a theirear sa champ:
"Cha dèan aithreachas mall
Bonn feuma."
Dh'fhaodainn-s' 'n air' thoirt san à m
Chaidh mo tharraing an rà nc
Nach robh cà irdeas aig ceann
Ri chèile.
Fhir a shiùbhlas mu thuath
Thoir an t-soraidh seo uam
Far nach d'fhà g mi fear m' fhuath
Nam dhèidh ann;
'S thoir an aire gu luath
Nuair a chluinneas tu 'n duan
Ma is math leat bhith buan
Gun èist thu.
Gur h-e 'n Gèaird a bhith fuar
Agus lughad na duais
Dh' fhà g bealach mo ghrua'ch
Iar beugadh –
Chuir e maille nam luaths
Agus gaiseadh nam ghruaig –
Chaill mi earrann den fhuair
Mi lèirsinn.

Thogadh Donnie Murdo MacLeòid ann a' Steòrnabhagh le Gà idhlig mar chiad chà nan, rud nach robh cho à bhaisteach am measg a ...
Fiosrachadh air Donnie Murdo MacLeòid / Learn more about Donnie Murdo MacLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.