Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacPhà rlain (Bà rd Mhealboist) agus air a sheinn le: Art MacCarmaig, Mairead agus Donaidh MacLeòid, na h-Òganaich agus na h-Òganaich.
This is a song written by: Murchadh MacPhà rlain (Bà rd Mhealboist) and sung by: Art MacCarmaig, Mairead agus Donaidh MacLeòid, na h-Òganaich and na h-Òganaich.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Hò-ro hìl ir-ic hìl ir-ic hiù ro
'S dìridh don tiùrr mo dhùn math feamad mi.
Hò-ro hìl ir-ic hìl ir-ic hiù ro.
Greas, thugainn don trà igh
Tha bà rr a' bhraga ris,
'S Langaisgeir Mhòr
Is Langaisgeir Bheag tha ris.
MacRath is MacAnndaidh
Seall siud seachad iad;
'S Clann Mhurchaidh Mhic Ainndreis
Chrom don chladach iad.
Mur tèidear don trà igh
Bidh bà n iad m' fheannagan;
Thugam mo ghrà pa
Thugam mo bheannag thoir;
Thugam mo chliabh
O thugam mo dhronnag, thoir;
'S mo dhà bhròig mhòir
'S mo chòta dronnaige.
Greas, geà rr, buain, geà rr,
Luath sà th do chorran innt',
'S e 'n fheamainn nì 'm bà rr,
'S e 'm bà rr nì 'n t-aran dhuinn.
O inneir an à igh
'M buntà ta cinnidh leat;
'N sin sùgradh don t-sùil
'M bà rr-gùg air m' iomair-sa.
Mo chorc agus m' eòrna
Bòidheach cinnidh leat,
Sùist, suathadh is criathair
Griais dhuinn min nì dheth.
Greas, greasaibh a dhìreadh,
Muir chan fhuirich ribh;
Seo reothairt 'Ille Bhrìde
An tìde builichibh.

Mairead ...
Fiosrachadh air Mairead agus Donaidh MacLeòid / Learn more about Mairead agus Donaidh MacLeòid
Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus ...
Fiosrachadh air Art MacCarmaig / Learn more about Art MacCarmaigCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.