Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir agus air a sheinn le: Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain.
This is a song written by: Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir and sung by: Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain.
Fhuair mi naidheachd as ùr
Tha taitinn ri rùn mo chrìdh',
Gum faigheamaid fasan na dùthch'
Chleachd sinn an tùs ar tìm:
On tha sinn le glainneachan là n
A' bruidhinn air mà nran binn,
'S i deoch-slà inte Mhontròis
A sheasadh a' chòir seo dhuinn.
Chunna mi 'n-diugh an Dùn Èideann
Comann nam fèileadh cruinn,
Litir an fhortain thug sgeul
Air toiseach ar n-èibhnis dhuinn:
Pìob gu loinneil air ghleus
Air soilleireachd rèidh an tuim;
Thug sinn am follais ar n-èideadh,
'S cò a their reubail rinn?
Deich bliadhna fichead is còrr
Bha casg den chlò mur druim;
Fhuair sinn ad agus cleòc
'S cha bhuineadh an t-seòrs' ud dhuinn;
Bucaill a' dùnadh nam bròg,
'S e 'm barrall bu bhòidhche leinn;
Rinn an droch-fhasan a bh' oirnn
Na bodaich der n-òigridh ghrinn.
Mhill e pà irt der cumhachd
On bhlà r gu mullach ar cinn;
Bha sinn cho là n de mhulad
'S gun d' fhàs gach duin' againn tinn;
'S ann a bha 'n càs cho duilich
'S a thà inig uile rir linn,
Nuair a rinn pà rtaidh Lunnainn
Gach à it' is urram thoirt dhinn.
O 's fhada bha 'n onoir air chall
Is fasan nan Gall oirnn dlùth,
Còta ruigeadh an t-sà il,
Cha tigeadh e dà icheil dhuinn;
B' èiginn don bhriogais bhith ann,
Nuair chaidh an commannd cho cumhang
'S gun d' rinneadh gach fine na thrà ill,
'S gach fireannach fhà gail rùisgt'.
Tha sinn a-nis mar is math leinn
'S gur h-à rd ar caraid sa chùirt,
Chuir air na daoin' am fasan
Rinn PÃ rlamaid Shasainn thoirt dhuibh
Beannachd gu brà th don Mharcus
A thagair an-drà st' a' chùis
Fhuair e gach dligheadh air ais dhuinn
Le ceartas an rìgh 's a' chrùin.
Tha sinn an comain an uasail
A choisinn le cruadal cliù;
Chuir e le teòmachd là idir
Faoineiseachd chà ich air chùil
Oighre chinn-chinne nan Greumach,
'S iomadh fuil à rd na ghnùis,
'S ann tha Marcus an à igh
Am mac thig an à ite 'n Diùc.

Bha Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain fo stiùireadh Chaluim MhicChaluim L.R.A.M., A.R.C.O. fad ochd bliadhna fichead agus ann an eachdraidh nan còisirean Gà idhlig ma ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille Chiarain / Learn more about Còisir Ghà idhlig Ceann Loch Chille ChiarainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.