Òran air a sgrìobhadh le: Mà iri NicÌomhair agus air a sheinn le: Shona NicChoinnich.
This is a song written by: MÃ iri NicÃŒomhair and sung by: Shona NicChoinnich.
Nuair a rinn mi airson fà gail
Fhuair mi beannachd mo chà irdean;
Ghabh mi 'n t-aiseag air a' bhà ta
Gu ruige sà ile nam beann mòr.
Och nan och tha mi fo mhulad
Dhòmhsa tha mo chòmhradh duilich;
'S cruaidh an càs ach 's fheudar fhulang
'S mi fuireach ann an coille mhòr.
Nuair a thà inig mi air fòrladh
A dh'Ameireagaidh a chòmhnaidh;
Chunnaic mi an sin luchd-eòlais
Anns gach dòigh san robh iad ann.
Chunnaic mi an sin na cà irdean
'S daoine nach robh idir blà th ruim;
Bidh mi cuimhneachadh na dh' fhà g mi
Tarraing rà mh 's a' seatadh seòl.
Bidh mi cuimhneachadh Sgìr' Ùige
Far a bheil na daoine cliùiteach;
'S tric a dh'fhà g sin mo shùilean
Iad ri sileadh driùchdan deòir.
'S tric mi cuimhneachadh nan à rmainn
Bhiodh cho snasail LÃ na SÃ baid;
Clann-nighean òg bu bhinne gà ire
Tighinn air fà ir' an Stiogha Mhòir.
Cuimhneachadh nam beanntan riabhach
Air am moch a dh'èireadh grian;
Is iomadh madainn 's oidhche bhrèagha
Bha mi annt' a' riaghladh bhò.
Cuimhneachadh nam beanntan dùbh-ghorm
Far am biodh na fèidh gu dlùthmhor;
Far am biodh gach eun a shiùbhladh,
Iad a' crùbadh mu na lòin.
Cuimhneachadh na h-eòin tha glè-gheal
An cois na mara 's air na slèibhtean;
'S iomadh madainn bhrèagha Chèitein
A dhùisg iad mi fein len ceòl.
'S iomadh madainn bhòidheach shamhraidh
Bhithinn a' ruith nan cnoc 's nan gleanntan;
'S beag bha dhùil agam san à m sin
Thighinn a-null a' seo rim bheò.
Is beag bha dhùil agam an uair sin
Gun deidhinn a-null thar chuaintean;
Far bheil iomadh seòrsa truaillidh
Gu bhith buaireadh a' chridh' òig.
Far bheil Èireannaich is Frangaich
Agus Sasannaich na Galldachd;
Daoine aig a bheil iomadh cainnt
Nach tuig mo cheann-sa ri mo bheò.
Far bheil iomadh seòrsa daoine
A' cruinneachadh às gach rioghachd;
O 's gur tric a bhios mo smaointinn
Air an tìr san robh mi òg.
Faire, faire Dhòmhnaill Aonghais
Tha thu nis a' togail d' iomraich;
'S ma gheibh thu do chas gu tiormachd
Cha toir thu dhachaigh iomradh còir.
Tha thu dol dhachaigh chun na crùbaig,
Chun a' ghiomaich, b' e do dhùrachd;
'S cha till thu air ais an taobh seo
Fad na h-ùine bhios tu beò.
Nuair a ruigeas tu na cà irdean
Cruinnichidh iad às gach à ite;
Gabhaidh iad dhiot naidheachd MÃ iri,
Cà it na dh' fhà g thu i na beò.
Chan urrainn dhut nì a rà dh riuth',
Chan fhac thu mi o chionn sia rà ithean;
Ach thoir deagh mhisneachd gu mo mhà thair
Mu 'n tuit i gu là r le bròn.
Ach thèid mis' air ais a Leòdhas,
Àite-còmhnaidh seasmhach, bòidheach;
Mairidh mi gu crìoch mo lò ann,
'S gheibh mi sòlas ann rim bheò.
Rugadh Shona NicChoinnich ann a' Bhaltos ann an sgìr' Ùige Leòdhais air 16 Dùbhlachd, 1989. 'S i an tè as sine den triùir nighean a ...
Fiosrachadh air Shona NicChoinnich / Learn more about Shona NicChoinnichCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.