Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacLeòid (Murchadh Ìomhair) agus air a sheinn le: Anna NicGumaraid.
This is a song written by: Murchadh MacLeòid (Murchadh Ìomhair) and sung by: Anna NicGumaraid.
Nam biodh agam tà lantan is teanga bà ird nam cheann
Gun innsinn as gach à ite mar rinn do bhàs mo chlaoidh;
On dh'fhà g thu seo san fhà saich mi, tha 'n à mhghair orm cho teann
'S mi le sianar phà istean air m' fhà gail anns an tom.
An oidhche dh'fhà g thu, Sheònaid, mi an gleann nan deòir fo thùrs'
Na cà irdean cha toir sòlas dhomh, 's cha chòrd rium inneal-ciùil;
Chan eil nì san fhà saich seo ni slà n an cridhe tha brùit'
Chan eil ach na grà san thig o Shlà naighear nan dùl.
Nam nì e air bhith comasach gu faighinn thu bhon bhà s
Gu siùbhlainn dha gach rìoghachd, gach tìr man iadhadh sà il;
Cha ghearaininn droch shìde na nì bhiodh dha mo chrà dh
'S gu fuilinginn teas na grèine gus an gèilleadh smior nan cnà mh.
Ach sin a bha sa chùmhnant dhomh le ùghdair Righ nan Àrd
Gum bithinn na mo bhanntraich, gum biodh do chlann gun mhà th'r;
Nan cuireadh sin a dh'ùrnaigh mi le deòir gu cathair grà is
'G iarraidh Rìgh na Glòire bhith gam chaomhnadh anns gach cà s.
'S e seachd bliadhn' deug a dh'aois a bha thu, ghaoil, nuair chaidh mi null
'S a dh'innis mi gu faoin dhut gum bu chaomh leam thusa nall;
Gach latha a-riamh bhon uairsin mo luaidh dhut dol am meud
Ro cheann do bhliadhn' air fhichead bha mi ceangailt' riut le snaim.
Bu mheasail aig mo chà irdean thu bho thà inig thu nan ceann
Bu ghrà dhach aig d' fhear pòst' thu, bu dòigheil thu mud chloinn;
Bu ghast' thu aig na h-òrduighean nuair bhiodh an còmhlan cruinn
Bha faoilt air aodann Sheònaid bha na shòlas dhomh 's gach à m.
Ach 's e th' air mis' a shà rachadh do phà istean bhith gun rian
Nach cianail clann gun mhà thair nuair tha iad òg gun chiall;
Ged bhithinn leis an t-snà thaid gach là gan cur air dòigh
Cha chum mi 'n t-aodach slà n orr' bho nach eil am mà thair beò.
Rugadh agus thogadh Anna, no Annabella, NicGumaraid ann an Tà bost nan Loch, Leòdhas. B' e a h-athair Alasdair Dòmhnallach, Alasdair Sheumais, a chaidh a thogail ...
Fiosrachadh air Anna NicGumaraid / Learn more about Anna NicGumaraidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.