Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Ailean Dòmhnallach agus air a sheinn le: Iain Moireasdan.
This is a song written by: Dòmhnall Ailean Dòmhnallach and sung by: Iain Moireasdan.
O, 's gur tùrsach, tùrsach mi,
Nam bitheadh mo dhùil ri triall
À Uibhist nam beann à rda -
'S ann thugad tha mo mhiann;
Gur òg a fhuair mi m' à rach ann
Nam phà isde beag gun chiall -
Is bòidheach leam do thrà ghannan
Is gà ir a' Chuain an Iar.
'S nuair thèid mi chun a' mhachaire
Air feasgar samhraidh ciùin,
'S na neòineanan cho cùbhraidh
'S an sùilean dùint' fon driùchd,
Nuair sheallainn ri Loch HÃ llainn
'S na bric ri trà igh a' leum,
Bu phailt an eala bhà n ann
'S na h-eòin a' snà mh na dèidh.
'S nuair dhìreas mi Cnoc Hà llainn
'S a sheallas mi mun cuairt,
Mo chompanaich 's mo chà irdean
'S cuid dhiubh a' cnà mh san uaigh;
Nuair shuidhinn air a' ghà rradh
'S mi coimhead far na bruaich,
Mi smaointinn air an t-saoghal
'S na daoine gan toirt bhuainn.
'S cha chreid mi fhìn gur dìochuimhn' leinn
Na bliadhnaichean a bh' ann;
Na diùlnaich, chan eil sgeul orra,
'S iad tìodhlaicte san Fhraing;
Dh'fhà g mnathan òga 's pian orra,
'S gun sìon aca dhan chloinn,
'S am fear a dhèanadh gnìomh riutha,
Gur fhad' o chrìon a chom.
'S gun cuala h-uile h-aon agaibh
An taobh tha 'n uamha à rd
Far an deach am Prionns' air falach ann
Nuair tharraing e bhon bhlà r.
Bha saighdearan le gunnachan
Ga shiubhal is ga lorg;
Is e mar eun air allaban
A' falach air an t-seòig.
Is chì mi crodh air pà irceannan
Is caoraich bhà n nan slèibh,
Uain òga agus fonn orra
Air feadh nan tom a' leum;
A' mhil air bhà rr nam flùraichean,
Ga sùghadh aig a' ghrèin,
'S a' chuthag is "gu-gùg" aice,
Ga clùmhadh air gach geug.
'S their mise 'n cliù do Dhalabrog
'S na bheil ann, sean is òg,
Ged 's iomadh à it' dhen t-saoghal
Sam faodainn-sa bhith beò;
Gur ann bu tric a bhuach'llich mi
An sprèidh ri bruaich nan lòn,
Is na laoigh bheag' air theadhraichean
A' leum air cheann nan ròp.
Ach sguiridh mi dhen òran seo
'S dhem ghòraiche gun bhuaidh -
Thaobh 's gu bheil an òig' agam,
Cha chòir dhomh bhith fo ghruaim;
'S ged gheibhinn aois a liathadh mi
'S a bheireadh dhìom a' ghruag,
Cha leig mi chaoidh a dhìochuimhn'
Uibhist ghrianach nan gleann uain'.
Na facail à Ò°ù²¹¾±²Ô Dhòmhnaill Ailein Dhòmhnaill na Bainich, deasaichte le Mgr Iain Aonghas Dòmhnallach, air fhoillseachadh le Comunn Eachdraidh nan Eilean mu Dheas, 1999.

'S ann à Cill Pheadar an Uibhist a Deas a bha na daoine aig Iain Moireasdan, Iain Mhic Iain Bhà in. Bha Iain agus a bhean ...
Fiosrachadh air Iain Moireasdan / Learn more about Iain MoireasdanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.