Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Cairistìona Primrose.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Cairistìona Primrose.
'S daor a cheannaich mi an t-iasgach
Seo a' bhliadhna chuir às dhomh
'S daor a cheannaich mi 'n stòp
A bh' air a' bhòrd an Taigh Chladaich.
Chaill mi snà mhaich a' chaolais
'S tu nach glaodhadh an t-aiseag,
Agus coisiche beinne
Nach bu deireadh air feachd thu.
'S ann aig Stac Beul an Àthain
A bhà thadh an gaisgeach;
Siud a' bheairt nach do shaoil
Air an t-saoghal seo thachradh.
Gun rachadh do bhà thadh
Gu brà th gun chuan farsaing,
No gun rachadh do mhilleadh
'S do chuid ghillean thighinn dhachaigh.
'S tha do bhreacan ùr uasal
Ann an ùrlar an aigeil,
'S tha do lèine chaol bhòidheach
Aig na rònaibh ga sracadh.
Tha do ghà rtanan rìomhach
Air ìnean nam partan,
'S tha d' fhaltan donn dualach
Na chuachaibh 's na phreasaibh.
Tha ruith nan tonn uaine
Mu bhruaichean do leapa;
Tha d' fhidheall gun ghleusadh
'S tha na teudan air glasadh.
Tha do thaigh mòr gun tughadh
'S e 's dubhach liom d' aitreabh.
Tha do phiuthar gun bhrà thair
'S tha do mhà thair gun mhacan.
Tha do bhean òg gun chèile
'S tha mi fhìn dheth gun dalta.
'S daor a cheannaich mi an t-iasgach
Seo a' bhliadhna chuir às dhomh.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Buinidh an dreach a tha gu h-à rd den t-òran do dh'Uibhist a Tuath. Aig aon à m 's e Taigh a' Chladaich an t-ainm a bh' air an taigh-òsta ris an canar Westford Inn an-diugh. Tha beul-aithris eile a' dèanamh a-mach gu bheil ceangal aig an òran ri Ìle.
Tha e coltach gun deach an t-òran a dhèanamh anns an ochdamh linn deug 's dòcha le muime a chaill a dalta nuair a chaidh am bà ta air an robh e às an rathad agus iad ag iasgach faisg air cladach an dachaigh.

Rugadh agus thogadh Cairistìona Primrose ann an Cà rlabhagh air taobh siar Eilean Leòdhais trà th as na 50an. 'S ann às Cà rlabhagh a bha a pà rantan, ...
Fiosrachadh air Cairistìona Primrose / Learn more about Cairistìona PrimroseCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.