Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: fiona nicDhòmhnaill, gwen mulholland, jennifer pratt agus jennifer pratt.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: fiona nicDhòmhnaill, gwen mulholland, jennifer pratt and jennifer pratt.
'S e 'n gille dubh as à ille,
'S e dh'fhà g an-diugh fo phrà mh mi;
On dh'fhalbh e bhuam air uchd a' chuain
Le luingeis luath nan à rd chrann.
'S e 'n gille dubh as à ille.
Tha mise dubhach crà iteach
'S mi bleoghan cruidh air à irigh;
Tha gà ir' nan tonn gam fhà gail trom,
Cha tog mi fonn 's cha ghà ir' mi.
'S e 'n gille dubh as à ille.
Gur maiseach fearail à lainn
Tha fleasgach deas nam blà thshùil;
Gun siùbhlainn leis an cuan mu dheas
Ri fuachd no teas bhiodh gà bhaidh.
'S e 'n gille dubh as à ille.
Gum b' òg thug mi mo là mh dha
'S rim bheò cha dèan mi à icheadh;
Mo dhùrachd bhlà th a h-uile latha
Gun stiùir e dhachaigh sà bhailt'.
'S e 'n gille dubh as à ille.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.