Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Eà irdsidh MacIllEathain.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: EÃ irdsidh MacIllEathain.
'S mi air creagan a' Sgurra
'S mòr mo mhulad 's mi m' ònar
'S dh'fhalbh mo chuid èislean
On là thrèig mi do chòmhradh.
'S dh'fhalbh mo chuid èislean
On là thrèig mi do chòmhradh
'S fhad a shiubhail mi 'n oidhche
Dh'fhios na maighdinn bu bhòidhche.
'S fhad a shiubhail mi 'n oidhche
Dh'fhios na maighdinn bu bhòidhche
Chaidh mi còrr is naoi mìle
Anns an tìr nach robh m' eòlas.
Chaidh mi còrr is naoi mìle
Anns an tìr nach robh m' eòlas.
Nuair a rà inig mi 'm baile
Cha robh aighear no ceòl ann.
Nuair a rà inig mi 'm baile
Cha robh aighear no ceòl ann
Ach mnathan ri fuaigheal
'S cuid a ghruagaichean brònach.
Ach mnathan ri fuaigheal
'S cuid a ghruagaichean brònach
Bha mo chraobhag gheal fhìn ann
'S i na sìneadh air bhòrdaibh.
Fonn an òrain
Tha fonn an òrain seo ri fhaighinn ann an leabhar Highland Vocal Airs, a dheasaich Pà draig Dòmhnallach agus a chaidh fhoillseachadh ann an 1784, a' chiad leabhar de sheòrsa.
Ann am prògram a rinn e don BhBC air 05/07/1962, thuirt an sgoilear an t-Urr Uilleam MacMhathain agus e a' bruidhinn air an leabhar:
"Bha ceòl Gà idhealach air a sgrìobhadh air paipear car coltach ri biadh air a thasgadh an deigh – gabhaidh am biadh itheadh agus an ceòl èisteachd ris, ach tha e air cuid dha bhlas a chall. Tha feum gu robh sgrìobhadh ann ge-tà ; tha a' bheul-aithris a' sìor dhol às - tha o chionn ùine mhòr – agus às aonais sgrìobhadh a' chiùil bhiodh mòran air a dhol air dìochuimhn'."
Mhìnich an t-Urramach MacMhathain an uair sin cò a thional na fuinn:
"B' e seo Eòsaph Dòmhnallach, mac do Mhaighstir Murchadh a bha na mhinisteir an sgìreachd Dhiùranais, an Dùthaich MhicAoidh. Cha robh e ach na ghille òg aig an à m, ach bha deagh ealain aige air ceòl, agus an uair a dh'fhalbh e dha na h-Innsean dh'fhag e pà irt dhe na chruinnich e aig piuthar dha.
Chaochail e beagan is bliadhna an deis dha ruighinn thall, agus 's ann an uair sin a ghabh a bhrà thair, Maighstir Pà draig, là mh san obair. Bha esan na mhinisteir sa Chill Mhòir an Latharna agus bha e na fhear-ciùil barraichte. Chuir e roimhe fuinn nan òran a chruinnich Eòsaph a thoirt am follais mar chuimhneachan air.
Ach gus am biodh meudachd chuimseach as an leabhar rinn Maighstir Pà draig trusadh math e fhèin, mar leasachadh air saothair a bhrà thar, agus thà inig an t-iomlan am follais ann an 1884 fon ainm Highland Vocal Airs, suas ri 200 òran, an ceòl agus mar as trice an t-ainm, ach às aonais nam facal.
Tha còrr math agus 100 de na h-òrain a tha na facail aca rim faighinn, an seann leabhraichean is là mh-sgrìobhainnean agus o bheul-aithris."
'S e 'S mi air Creagan a' Sgurra aon de na h-òrain sin, am fonn a chaidh fhoillseachadh san leabhar agus na facail air an toirt gu chèile. A rèir coltais dh'fhalbh am fear a rinn an t-òran a dh'iarraidh uisge-beatha airson na bainnse, no 's dòcha an rèiteach, ach thà inig bàs obann air an tè a bha e dol a phòsadh agus b' e sin an naidheachd a bha a' feitheamh air nuair a thill e.
Rugadh EÃ irdsidh MacIllEathain ann an 1918 anns a' Ghearastan ach thogadh e ann an Innis Lagain, baile beag air bruaich a tuath Loch Garadh, mu ...
Fiosrachadh air Eà irdsidh MacIllEathain / Learn more about Eà irdsidh MacIllEathainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.