Òran air a sgrìobhadh le: bhon bhìoball agus air a sheinn le: ceathrar-cheòl còisir ghà idhlig ìleach ghlaschu.
This is a song written by: bhon bhìoball and sung by: ceathrar-cheòl còisir ghà idhlig ìleach ghlaschu.
Asadsa, Dhè, nì mise bun;
nà ir' orm na leig am feasd:
Dèan fuasgladh dhomh ad ionracas,
o thrioblaid is o cheist.
Do chluas am ionnsaigh crom a-nuas,
is furtaich orm gu dian:
Ad charraig dhaingeann bi-sa dhomh,
taigh-tèarmainn chum mo dhìon.
Oir 's tu as carraig dhìleas dhomh
's mo dhaingneach là idir treun,
Is uime sin, sgà th d' ainme, Dhè,
treòraich, is stiùir mo cheum.
Saor as an rib a dh'fhalaich iad
buin mise mach, a Dhè:
Airson gur tus' an tì a-mhà in
as neart, 's as treòir dhomh fhèin.
Ad là imh-sa mhà in, a Dhia nan dùl,
mo spiorad tiomnam suas:
A Dhia na fìrinn, is mo Thriath,
's tu dh'fhuasgail air mo chruas.
Is fuath leam iad a bheir fa-near
na breugan dìomhaineach:
Ach dòchas ann an Dia nan grà s
chuir mi gu muinghinneach.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.