Òran air a sgrìobhadh le: bhon bhìoball agus air a sheinn le: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein.
This is a song written by: bhon bhìoball and sung by: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein.
O teasairg mise, Dhè mo neart,
oir dhòirt na tuiltean orm,
Is thà inig fòs air m' anam bochd
na h-uisgeachan le toirm.
An là thaich dhomhain tha mi 'n sà s,
gun à it an seasainn ann;
Le uisgean domhain ghlacadh mi,
is sruth dol thar mo cheann.
Tà im sgìth lem ghlaodhaich; agus tha
mo sgòrnan loisgt' le tart:
Mo shùilean tha air fà ilneachadh,
feitheamh air Dia nam feart.
Is lìonmhoire na falt mo chinn
mo naimhdean gun chion-fà th,
'S an dream ud fòs lem b' à ill mo chlaoidh
ro-ghuineach là idir tha.
An sin an nì nach tug mi leam,
dh'aisig ni uam gu beachd.
Dhia, 's fiosrach thu air m' amaideachd,
chan fhalaicht' ort mo lochd.
Nà ir air mo sgà th-sa, Dhè, na leig,
O Thighearna nan sluagh,
Air neach air bith den aitim ud
tha feitheamh ort gach uair:
An dream sin, O Dhia Israeil,
gad iarraidh fhèin a tha,
Na leig gu brà th fo nà ire iad,
no masladh air mo sgà th.

Chaidh Calum Ailig Mac a' Mhaoilein a thogail ann am baile Shiadair anns a' Rubha ann an Leòdhas. Bho aois gu math òg bha ceòl ...
Fiosrachadh air Calum Ailig Mac a' Mhaoilein / Learn more about Calum Ailig Mac a' MhaoileinCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.