Òran air a sgrìobhadh le: bhon bhìoball agus air a sheinn le: Kathleen Ghreumach.
This is a song written by: bhon bhìoball and sung by: Kathleen Ghreumach.
Ra linn-san bidh na fìreanaich
gu h-ùr a' fàs le blà th:
'S am feadh a bhios a' ghealach ann,
bidh sìochaint pailt a-ghnà th.
Bidh uachdranachd aig' mar an ceudn'
o thuinn gu tuinn gu sìor,
Is ruigidh siud on abhainn mhòir,
gu iomall crìoch gach tìr'.
Luchd-còmhnaidh fòs an fhà saich chruaidh
sleuchdaidh iad sìos na là th'r;
A naimhdean imlichidh an ùir,
a' tabhairt ùmhlachd dha.
Rìgh Tharsis, is nan eileanan,
tìodhlacan bheir iad uap',
Bheir rìghrean Shèba, Sèba fòs,
tabhartais dha gu luath.
Seadh, fòs na fhianais sleuchdaidh sìos
gach rìgh air thalamh tha:
'S gach ginealach air feadh gach tìr,
dha seirbhis nì a-ghnà th.

'S ann às an Eilean Sgitheanach a tha Kathleen Ghreumach agus thogadh i ann an teaghlach a bha air leth fiosrach mu dhualchas na Gà idhlig ...
Fiosrachadh air Kathleen Ghreumach / Learn more about Kathleen GhreumachCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.