Òran air a sgrìobhadh le: bhon bhìoball agus air a sheinn le: ceolraidh ghaidhlig ghlaschu.
This is a song written by: bhon bhìoball and sung by: ceolraidh ghaidhlig ghlaschu.
Air tròcair Dhè sìor sheinnidh mi
is nì mi oirre sgeul;
O à l gu à l gu maireannach
air d' fhìrinn thig mo bheul.
Oir thubhairt mi, Gun togar suas
do thròcair mhòr do shìor:
Is d' fhìrinn cheart sna nèamhan à rd'
socraichear leat gu fìor.
Coicheangal rinn mi rim Aon naomh
a roghnaich mi gu sìor:
'S do Dhaibhidh tha na òglach dhomh,
mhionnaich mi fhèin gu fìor.
Socraichidh mi gu daingeann buan
do ghinealach 's do shìol,
Do chathair rìoghail togam suas
o linn gu linn gu sìor.
An coitheanal nan naomh gu beachd
's cùis eagail Dia gun cheist:
Àrd-urram o gach neach mun cuairt
dha 's dleasdanach am feasd.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.