Fiosrachadh mu thaghadh farsaing de dh'òrain Ghà idhlig bho thasglann a' BhBC. Find information on a wide range of Gaelic songs from the Âé¶¹Éç's Gaelic archive.
Tha an fhiosrachadh air a roinn ann an còig diofar earrannan: a rèir ainm an òrain, ainm an sgrìobhaiche, ainm an t-seinneadair, cuspair an òrain, agus tasglann a' Mhòid. Tha an fhiosrachadh a rèir na h-aibidil, le ainmeannan dhaoine ann an òrdugh a rèir ainmean-baistidh. The information is categorised by: song title, writer, singer, song theme, and a Mod archive. The content is listed alphabetically, with people's names ordered according to Christian name.
Ann an tasglann a' Mhòid, cluinnear taghadh de dh'òrain a chaidh a chlà radh aig a' Mhòd Nà iseanta Rìoghail eadar 1894-1990: measgachadh de dh'inbhich agus de dh'òigridh a choisinn boinn thairis air na bliadhnaichean. Chithear cuideachd bhidiothan de chuid de luchd-buannachaidh Mod Ghallaibh 2010. In the Mod archive you can listen to songs recorded at the Royal National Mod between 1946-1989: including a selection of adult and junior medallists. You can also watch a selection of videos from the Caithness Mod 2010.
Rugadh Dòmhnall Iain MacIllEathain, Dòmhnall Iain Sheonaidh Aonghais ann am Beà rnaraigh na Hearadh, air 9 Sultain, 1918, aon de na gillean aig Mòr Alasdair NicPhilip ...
Rugadh Dòmhnall MacAoidh, Dòmhnall Thormoid Bhà in ann an Àird a' Mhachaire, anns an Ìochdar air 17 Cèitean, 1893. B' e Tormod mac Aonghais 'ic Dhonnchaidh ...
Bhuineadh Dòmhnall MacAonghais, Dòmhnaill Ailig Aonghais Beasadh (1923-1993) do Ghearraidh-lapain aig Ceann na Coille, mu thrì mìle a-mach à Port Rìgh air rathad an t-Sruthain. ...
'S ann à Port na h-Abhainne ann an Ìle a tha Dòmhnall MacLeòid, baile beag anns nach eil ach nas lugha na dà cheud neach ...
Rugadh Dòmhnall MacRath ann an Tà bost nan Loch, Leòdhas air 26 Lùnastal, 1941, mac Ciorstaidh Anna Mhurchaidh Mhurchaidh. Nuair a bha e dà bhliadhna dheug ...
Rugadh Dòmhnall Moireasdan an Àrd Tunna as a' Ros Mhuileach air 29 Faoilleach, 1885. Bha athair na chroitear agus bha an teaghlach air a bhith ...
Rugadh Dòmhnall Norrie MacLeòid ann an 1932, am mac a b' òige a bh' aig Dòmhnall Choinnich 'an 'ic Dhòmhnaill, bho 12 Tolastadh a' Chaolais, ...
Rugadh Dòmhnall Rodaidh MacAsgaill ann an Caolas Scalpaidh anns na Hearadh, ann an 1957, mac Peter Dan Dhòmhnaill Uilleim à Caolas Scalpaigh agus Anna NicDhonnchaidh ...
Thogadh Donaidh Large Dòmhnallach an toiseach ann am baile beag Sgiogarstaidh an Nis, Leòdhas, far an robh a mhà thair Cairistìona NicDhòmhnaill (Cairistìona Drogaidh) na tidsear. ...
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.