Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacLachlainn (An Lighiche) agus air a sheinn le: uilleam s. dòmhnallach.
This is a song written by: Iain MacLachlainn (An Lighiche) and sung by: uilleam s. dòmhnallach.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Seo nam shìneadh air an t-sliabh,
'S mi ri iargain na bheil bhuam,
'S tric mo shùil a' sealltainn siar,
Far an laigh a' ghrian sa chuan.
'S truagh nach robh mi an trà th-s'
Air an trà igh as à irde stuagh,
Ag èisdeachd ri còmhradh tlà th
Th' aig an òigh as à illidh snuadh.
O nan innseadh dhomh ghaoth 'n iar
Nuair a thriallas i thar sà l,
Ciod an dòigh a th' air mo ghaol
Bheil i smaointinn orms' an trà s?
Nuair a shìn mi dhut mo là mh
Air an trà igh a' fà gail tìr,
'S ann air èiginn rinn mi rà dh
"Soraidh leat, a ghrà idh mo chrìdh'".
Nuair a thug mi riut mo chùl
Chunnaic mi thu brùchdadh dheur,
Ged a shuidh mi aig an stiùir
'S ann a bha mo shùil am dhèidh.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.