Òran air a sgrìobhadh le: Jacopone Da Todi Beannaichte agus air a sheinn le: Alasdair Dòmhnallach.
This is a song written by: Jacopone Da Todi Beannaichte and sung by: Alasdair Dòmhnallach.
Sheas a' mhà thair am bròn bà ite
Aig Crann-ceusaidh deurach, crà idhteach
Am bun a Mic 's E 'n spà irn ro ghoirt.
Cridhe caomh bha brùite, dubhach,
Briste 'g osnaich 's a' tuireadh -
Rinn an claidheamh-guin a lot.
Ochòin! bu chrà idhteach is bu chianail
Moire Mhà thair bheannaicht' Chrìosda
'S E ga phianadh air a' Chrois.
Gum bu dubhach, air a lèireadh
A bha Moir' air dhi bhith lèirsinn
Dìol ro dhèisneach h-aona Mhic.
Cò an neach a bhiodh san là thair
Chitheadh Mà thair Dhè san spà irn sin
Nach biodh crà idhteach sileadh dheur?
Cò a b' urrainn gun bhith brònach
Smaoineachadh air cor na h-Ã’ighe
Ghabh co-phà irt an dòrainn Chrìosd?
Airson peacannan a shluaigh fhèin
Moire faicinn Ios' ga chiùrradh,
An dèis a sgiùrsadh cruaidh gun iochd;
Moire faicinn a Mic grà dhaich
Air a dhìobairt le chaomh-chà irdean,
Dol gu bàs air fiodh na Crois.
Mhà thair uile-ghaolach, tiùbhraich
Meud do dhòrainn orms' a dhrùidheadh
Los bhith bròn 's a' tùirse leat;
Deònaich m' anam le gaol Chrìosda
Bhith na lasair dhèin gun diocladh,
Chor 's gun toill mi mhiadh 's a thlachd.
Mhà thair naomh, biodh lotan creuchdach
Do Mhic ÃŒosa chaidh a cheusadh
Domhain geà rrt' air clà r mo chridh';
Deònaich hòmhsa, Mhoire Mhà thair,
Mo cho-roinn de Phà is mo Shlà nair
Dh'fhuiling air mo sgà th gach nì.
Thugas dhomh gum bi mi tuilleadh
A' co-bhròn leats' mar as cubhaidh
Thaobh na dh'fhuiling do Mhac rùin;
A bhith ad chuideachd taobh 'Chruinn-cheusaidh
Is co-chòir ded dhòrainn fhaotainn,
Chuir mi, Mhà thair Dhè, nam ùidh.
Òigh ro urramach nan òighean, -
Na cuir suarach mi, ach deònaich
Dhomh co-chòir ded dhòrainn chrà idh;
Deònaich gur e bàs m' Fhir-shaoraidh,
Is a Phà is 's a chreuchdan craobhach,
As culaidh-smaoinich dhomh gach trà th.
Gun dèan gaol nan lot mo reubadh
'S gaol na Fala, gaol 'Chruinn-cheusaidh,
M'anam thoirt fo ghèill 's fo dhaors';
Nuair a thèid mi 'n là thair Chrìosda,
Thoirt dhà cunntais air mo ghnìomhan,
Cùm bhon teine shìor mi saor.
Shlà nair naoimh, an uair as bàs dhomh,
Builich orm air ghaol do Mhà thar
Ann am Pà rras crùn na buaidh;
Nuair a bhios mo chorp gun anail,
Deònaich sòlas sìor dham anam
Ann an glòir nam Flathas shuas'. Amen.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Fr. Allan McDonald of Eriskay, 1859-1905, le Iain Latharna Caimbeul (Oliver and Boyd, Lunnainn, 1954 agus 1956).
Eilean na h-Ã’ige - The Poems of Fr. Alan MacDonald deasaichte le Raghnall Mac Ille Dhuibh (Mungo Books, Glaschu, 2002).
Bà rdachd Mhgr Ailein - Father Allan's Island le Amy Mhoireach (The Moray Press, Dun Èideann agus Lunnainn, 1936).
Rugadh Alasdair Dòmhnallach, Alasdair Mòr Chatrìona Ailein Chòcaire, ann a' Staoinebrig air 7 Ògmhios, 1929. Bha cuideachd a mhà thair nan còcairean aig Clann 'ic Ailein ...
Fiosrachadh air Alasdair Dòmhnallach / Learn more about Alasdair DòmhnallachCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.