Òran air a sgrìobhadh le: mairead nic a' ghobhainn agus air a sheinn le: ceòlraidh ghà idhlig ghlaschu.
This is a song written by: mairead nic a' ghobhainn and sung by: ceòlraidh ghà idhlig ghlaschu.
Sibhs' tha mach à Crìosd
Tha suaimhneach nar cadal;
Nach dùisg sibh gu ur ciall,
'S an t-sìorraidheachd cho fada.
Ma tha thu mach à Crìosd
Tha thu gun dìon, gun fasgadh,
Fosgailt' do gach gaoith
Mar maoidhean sgaoilt' sa mhachair.
'S mas sèid ort a' ghaoth tuath
Is grian dol sìos air d' fheasgar,
An dubhaireachd na h-oidch'
Cha reicear ribh an ola.
Anam thig air chuairt
A-null gu à it' na claiginn;
'S mur tuig thu dè bhios ann
Nach suidh thu sìos ri 'g amharc.
E 'g òl cupan na feirg'
Le òrdugh teann bhon Athair
Gu toileach airson a' chlann
Air crann 's a' cheann ri cromadh.
'S e chuireas fà inn' mud mheòir
'S brògan mu do chasan
'S e bheir dhut coron grà idh
'S cha tilg gu brà th a-mach thu.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.