Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: còisir à rd-sgoil an òbain.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: còisir à rd-sgoil an òbain.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Siud mar chaidh an cà l a dholaidh,
Seo mar chaidh an cà l a dholaidh,
Siud mar chaidh an cà l a dholaidh
Air na bodaich Ghallta.
Laigh a' mhin air màs a' choire,
Laigh a' mhin air màs a' choire,
Laigh a' mhin air màs a' choire,
'S bean an taighe dannsadh.
Laigh a' mhin air màs a' choire,
Is bha an sùgh mì-bhlasta dona;
Laigh a' mhin air màs a' choire,
'S bean an taighe dannsadh.
Siud mar chaidh an cà l a dholaidh,
Laigh a' mhin air màs a' choire;
Siud mar chaidh an cà l a dholaidh,
Air na bodaich Gallta
Air dhuinn greis air gabhail òran,
'S tacan eile air sgeulan gòrach,
Chuir Rob Cam a phìob an òrdugh,
'S thòisich cuid ri dannsadh.
Staigh oirnn thà inig bean an taighe,
Leis gach tè a bha aig baile,
Nighean òg is seann chailleach,
'S iad a' togradh dannsadh.
Rug MacRaing air tè bhig chlannaich
Ghabh mi fhìn rium bean an taighe
'S am prioba sùl bha tè an achlais
H-uile fear a bh' ann dinn.
'S ann an sin bha 'n scraighlich shunndach
Cur nan car dhinn air an ùrlar
Feadan pìob a' spreigeadh sùrd oirnn
'S dosan mòra dranndan.
Nuair bha an ùpraid dol an dèinead,
'S caitean ag èirigh air na dèilean,
Rà inig fear-an-taighe fhèin,
Le buidheann bhodach Gallta.
Leithid a dh'othail shìos an staidhir,
Iadsan dìreach bhà rr an fhaidhir,
Gairm gu crosta air na mnathan
'S b' uabhasach an greann orra.
Air an claoidh le sgìos is acras,
Fad an latha gun dad aca,
B' olc an nì air tighinn dhachaigh,
An cà l a bhith air chall dhaibh.
Throd am fear ri mhnaoi gu sgraingeil,
Fhreagair ise cheart cho searbh ris,
"Bhodaich mhùgaich, cùm do theanga,
'S caisg air ball do dhranndan."
"'S beag orm thu, a bhodaich ghrà inde,
Seach bhith cleasachd measg nan GÃ idheal,
Ceòl na pìoba, cainnt na Gà idhlig!
Siud iad riamh a b' annsa leam!"
Siud mar chaidh an cà l a dholaidh,
Seo mar chaidh an cà l a dholaidh,
Laigh a' mhin air màs a' choire
'S bean an taighe dannsadh.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.