Òran air a sgrìobhadh le: dallan forgaill agus air a sheinn le: Kathleen Ghreumach.
This is a song written by: dallan forgaill and sung by: Kathleen Ghreumach.
Dèan dhòmhsa tuigse, cur soills' air mo smuain;
Dh'iarrainn gur Tu bhiodh gam stiùireadh gach uair;
Là mh rium san oidhche is romham san trà th,
Rèidh rium sa mhadainn agus glèidh mi tron là .
Ceartas dom bhriathran agus fìrinn dom bheul,
Thusa toirt iùil dhomh 's mi dlùth riut, a Dhè.
Athair, thoir grà dh dhomh, gabh mis' thugad fhèin;
Cùm mi rid thaobh is bi daonnan nam chrè.
Dìon mi, a Thighearna, ri mo chliathaich 's gach feachd;
Cùm mi fod sgiath 's thoir dhomh misneachd is neart,
Fasgadh dom anam is mi rid uchd dlùth.
Treòraich mi dhachaigh, Dhè chumhachdaich Thu.
Beartas chan fhiach leam no miann chlann nan daoin',
Thusa nam fhianais fad là ithean mo shaogh'il;
Thusa, Dhè ghrà smhoir, a-mhà in na mo chrìdh',
Le blà ths is grà dh sìorraidh, mo Thighearna 's mo Rìgh.
Eadar-theangaiche (Dhan Ghà idhlig): Ceit Mhoireasdan
Faclan (Dhan Bheurla): MÃ iri Byrne agus Eleanor Hull

'S ann às an Eilean Sgitheanach a tha Kathleen Ghreumach agus thogadh i ann an teaghlach a bha air leth fiosrach mu dhualchas na Gà idhlig ...
Fiosrachadh air Kathleen Ghreumach / Learn more about Kathleen GhreumachCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.