Òran air a sgrìobhadh le: Mà idsear Calum I. M. MacLeòid agus air a sheinn le: Ùisdean MacRath.
This is a song written by: Mà idsear Calum I. M. MacLeòid and sung by: Ùisdean MacRath.
Tè a' chinn lèith'
Hò ho-ro hì,
Gun duine, gun sprèidh
Hò ho-ro hì.
Tè a' chinn lèith'
Hò ho-ro hì,
Ri mulad 's ri caoidh an fhir bhà in.
'S e 'n là bha siud fhèin
A lìon i le bròn
'S a dh'fhà g i gun fheum
'S a cridh' air a leòn;
A' falbh gu tìr chèin
Bha esan ga dheòin
'S ga fà gail-se truagh 's a' Chnoc Bhà n.
Is tric a bhios i
A' smaointinn san lÃ
Air fear dan tug i
A cridhe, 's a grà dh;
Ach nise, a rìgh,
Tha a h-inntinn fo phrà mh
'S i coimhead mar tè air a dìteadh.
Aig toiseach an nì
Bha ise cho rèidh
A' fuaigheal 's a' figh'
'S neart anns gach fèith.
B' e 'n tè i gun bhrìgh,
Gun tuigse, gun stèidh
'S a h-iodhall a' falbh fo a sùilean.
Bha tèile ri taobh
'S cha robh i cho clì
No idir cho naomh
'S deònach air sìth;
Ach bha i cho caomh
'S a bòidhchead gun dìth
Gun fhreagair i sùil an fhir bhà in.
Chan fhada gu falbh
An t-òganach còir
'S deònach do shealbh
Gunn tig e na tòir;
'S e 'n tèile bhios balbh
'S mùgach gu leòr
Nuair thuigeas i dealbh an fhir bhà in.
A chailin, a luaidh,
'S e thusa bha faoin
A' cogadh gu cruaidh
'S a' cosg do chuid mhaoin.
Gur tric fo do stuaidh
A ghabh thu droch staoim
Le feagal nach sìneadh e là mh riut.
Rugadh Ùisdean MacRath ann an Caileabost san Eilean Sgitheanach. Bha a mhà thair à Cill Mo Luthaig agus, mar a dh'innis e-fhèin air prògram Gà idhlig a' ...
Fiosrachadh air Ùisdean MacRath / Learn more about Ùisdean MacRathCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.