Òran air a sgrìobhadh le: Cairistìona NicDhòmhnaill agus air a sheinn le: Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large) agus donaidh dòmhnallach (Donaidh Large).
This is a song written by: Cairistìona NicDhòmhnaill and sung by: Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large) and donaidh dòmhnallach (Donaidh Large).
Tha ciaradh air an fheasgar, 's tha ghrian a' dol mu thà mh
A' cromadh bho a h-à irde 's a' cur a gathan thar an t-sà il;
Tha 'n t-uisge fèin gun luaisgean air, a' gluasad rèidh gu trà igh
'S na faoileagan is sgriach aca a' sgiathalaich mu bhà rr.
Chluinn mi glugraich uisg' an uillt an glumaig anns a' ghleann,
Is eun ghobhraich na h-oidhch' 's an treun dha freagradh thall;
Chluinn mi osnaich sgìth agus cnà mh an cìr nam bò
O sealladh à illidh à ghmhor Chèit', seo nà dar fèin na glòir.
Chì mi toit nan teine mònach dol còmhnard liath-ghorm mall
Nan camacanaich gun chòmhstri co-mheasg ri neòil nam beann;
Chì mi caoraich len cuid òg-uan 'n cois airson na h-oidhche
Gach eun is ainmhidh air an tà ladh le sà mhchaireachd a' ghlinn.
Siud an gleann a tha leam à ghmhor, siud a' gheà rraidh sa bheil m' ùidh
Gheibh mi carthannas is nà bachd bho chà irdean mo rùin;
Gheibh mi tà mh air leabaidh luachrach, falbhaidh uallach dhìom is sgìths
B' annsa leamsa à irigh mòintich na bhith 'n lùchairt an rìgh.

Thogadh Donaidh Large Dòmhnallach an toiseach ann am baile beag Sgiogarstaidh an Nis, Leòdhas, far an robh a mhà thair Cairistìona NicDhòmhnaill (Cairistìona Drogaidh) na tidsear. ...
Fiosrachadh air Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large) / Learn more about Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.