Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllEathain (Na h-Urbhaig) agus air a sheinn le: Fionnlagh MacNèill agus Tormod MacIllEathain.
This is a song written by: Iain MacIllEathain (Na h-Urbhaig) and sung by: Fionnlagh MacNèill and Tormod MacIllEathain.
Tha mi fo smuairean air moch Diluain
A' fà gail Chluaidh, 's a' cur suas nan seòl;
Gur h-ann mun ghruagaich a rinn mo bhuaireadh,
'S dh'fhà g m' inntinn luaineach le cainnt a beòil;
Do ghaol gam shà rach' 's a rinn mo chrà dh-lot,
Mar roinnean stà ilinn an sàs am fheòil;
Gach là is oidhche tha thu nam chuimhne
Mo reul-iùil is mo chliù 's mo cheòl.
Dimà irt nuair fhuair sinn air fars'neachd cuaine,
Le 'r eathair uallaich bu chruaidhe bòrd,
Bu trom an iarmailt gu frasach, sgiathach,
Is coltas sgiansgarrach air na neòil;
Bha thusa 'n uair sin ad chadal suaimhneach
Gun chuimhne, luaidh, gum bheil mi gun dòigh;
'S fear eil air uairean a' dèanamh suas riut,
Airson an tuaileis a thog iad oirnn.
Is iomadh iongnadh a th' anns an t-saoghal;
'S e h-aon diubh, ghaoil, chuir nach robh mi d' chòir;
'S e ruith nam inntinn gum faic mi d' ìomhaigh,
Ged b' ann a' dìreadh a riofadh sheòl.
Fhuair thu buaidh orm le da-rìreadh;
Mo chridh' gun lìon thu gu tinn le bròn,
'S ma thug iad thaobh thu, cha bhuan mo shaoghal,
'S fear eile faotainn le aoigh ort còir.
Nam bu bhà rd mi gu dèanamh dhà na,
Gun cuirinn à ird air do chliù ro-mhòr;
O d' cheann gu d' shà iltean gun mheang gun fhà illinn,
Gur fallain dh'fhàs thu a-nìos o d' òig:
Gur deirg' do ghruaidhean na ròs nam bruachan
Fo dhuilleach uaine nan cluan 's nan còs:
Tha fiamh do ghà ire cur saighdean grà idh ann
Am chridh' gach là on a thog sinn seòl.
'S e fiamhachd d' aodainn rinn mise aomadh,
'S a thug a thaobh mi le gaol bha mòr;
Gur maiseach fìnealt, gur fallain dìreach
Tha pears' na rìbhinn air bheil mi 'n tòir;
Tha fiamh do chuailein 's e sìos mud ghuaillean
A' snìomh na dhuailean, air tuar an òir,
Beul cuimir guamach nam bilean snuadhmhor
Fo shùilean luaineach na maighdinn òig.
On fhuair mi d' eòlas bu mhòr mo dhòchas
Gum faighinn còir ort bu mhò' na cà ch;
'S ann air Didòmhnaich 's tu measg nan òighean
A fhuair mi 'n leòn tha toirt bròin dhomh 'n-drà st':
Bha saighdean luaineach o m' chridhe gluasad,
A rinn mo bhuaireadh, a luaidh, gu grà dh;
'S mas fear ùr leis an d' rinn thu lùbadh,
'S e siud a dh'ùraich dhomh 'n-diugh mo chà s.
'S iomadh buaireas a bhios a' gluasad,
Am measg an t-sluaigh nuair a bhios iad òg;
'S e sin a chruadhaich do chridhe bhuam-sa
On ghabh mi chuairt seo do Mhontreal;
Gur ceart a tha thu ma rinn thu m' fhà gail,
'S nach leig do nà dar leat tighinn nam chòir,
'S fear eil' am à ite toirt geallaidh là idir,
'S e cur fà ilt' ort le fà inne pòst'.
Air mheadhan oidhche ged b' ann ga stiùireadh
Gur tric mi cuimhneachadh air do dhòigh;
Mo shùil sa chombaist ga cumail dìreach,
'S an fhairge mhillteach a-nìos fo sròin;
A sgiathan sgaoilte ri cruas na gaoithe,
'S i feadach caonnagach ris gach ròp;
Is gillean aotrom cur rithe h-aodach,
'S a' sneachd' na chaoran mu chaol nan dòrn.
Ach bha do ghaol dhomh gu pailt ri fhaotainn,
Ged 's mòr an caochladh a thà inig oirnn;
Is iomadh gamhlas a bh' anns an à m rinn,
Airson gun d' gheall mi gum bitheamaid pòst';
Chreid thu 'n tuaileas a rinn iad suas dhut
A chum gum buaireadh iad thu le sgleò,
'S ma rinn thu m' fhà gail, mo chreach 's mo chà radh,
'S mo shoraidh slà n leat, a ghrà idh, rid bheò.
'S a Mhà iri bhòidheach, gur trom mo chòmhradh
On latha dh'fhògair iad uam do ghaol;
An comann blà th bha gu coibhneil, cà irdeil
Le mì-rùn chà ich gun deach e ma sgaoil;
Na gillean òga a thog an sgleò seo
Cha dèan e stòr dhaibh cho mòr 's a shaoil,
Cha chuir e sìos mi 's cha toir e mì-chliù
Air aon den linn a thig air mo thaobh.
Ma thug thu cùl rium gur beag mo chùram
Gur h-iomadh flùr a tha fàs fon ghrèin,
Is maighdeann bhòidheach a th' ann de d' sheòrsa
Is aithne dhomh-sa thig air mo rèir.
Gun stiùirinn bà ta nan sgiathan prà ise,
Anns na croinn à rda gun dèanainn feum;
'S bheir Rìgh nan grà san sinn dhachaigh sà bhailt'
Thar tuinn an t-sà ile gu cala rèidh.

Rugadh Tormod MacIllEathain ann an Glaschu ann an 1936. 'S e docair a bha na athair Niall Mòr, mac Eòghainn Ruaidh, a bhuineadh do Thiriodh. ...
Fiosrachadh air Tormod MacIllEathain / Learn more about Tormod MacIllEathain
'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bà taichean a bha a' ...
Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèillCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.