Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh Dòmhnallach (Murda Sheumais) agus air a sheinn le: iain macAmhlaigh.
This is a song written by: Murchadh Dòmhnallach (Murda Sheumais) and sung by: iain macAmhlaigh.
Tha mi an seo sna h-Innseachan
Air bà ta gun bhiadh gun dòigh,
'S an teas a' toirt an neart bhuam
'S gam fhà gail-sa gun treòir;
Nuair thig an oidhche cha chaidil mi,
Bidh ainmhidheachd 's droch dhòigh,
'S mòr gum b' fheà rr bhith 'n uair sin
Am Mealbost ghorm an fheòir.
'S mairg air oidhche gheamhraidh
Bhith ri seòladh bhà rr nan tonn;
'N fhairge throm ga bualadh
'S gam fhà gail-sa gun sunnd;
Fear nam bann toirt òrdugh dhuinn
Le mòr-chuis mhòr na chainnt,
'S gur aognaidh fuar bhith fuasgladh,
'S a' ceangal suas san oidhche.
Nuair thèid mi chun na cuibhle
Tron oidhche air drochaid à rd,
'S nach fhaicear leam a' chombaist
Ach gann le smùid an t-sà il,
Gur tric a bhios mi smuaineachadh
An aon don tug mi grà dh,
Is truagh nach robh mi còmhla rithe
A' dìreadh bhon trà igh bhà n.
Nach sona dhan an òigridh
Tha 'n dùthaich m' eòlais tà mh,
'S a ghlanas suas le sòlas
'S thèid gu dòigheil ghabhail srà id;
Chan ionnan sin 's an seòladair
Tha na bhòtannan gun tà mh,
'S a laigheas suas air cluasaig
A bhios fuaraidh aig an t-sà l.
Mo chomhairle do gach seòladair
Tha seòladh air a' chuan,
Iad mac na braich a sheachnadh
Oir is fear e tha gun truas;
Nach iomadh fleasgach tapaidh
Air na rinn a bhlas toirt buaidh,
Tha 'n-diugh mar chaor' air seacharan
'S nach till don dachaigh cuairt.
Ged as truagh an trà th seo
Bhith sna tìrean fada thall
Gun aon neach a bheir aoigheachd dhomh
No labhras rium mo chainnt,
Ach mus e 's gun dà n do Ghleann na Pà irc
Gun till i sà bhalte leinn,
Nì aoigheachd bhlà th an gnùis na pà ist'
Gach à mhghar chur air chall.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.