Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacLachlainn (An Lighiche) agus air a sheinn le: alasdair caimbeul.
This is a song written by: Iain MacLachlainn (An Lighiche) and sung by: alasdair caimbeul.
Tha mi tinn 's mo chridh fo leòn
Mi fo bhròn an-diugh 's an-dè;
Bhon a dhealaich mi cho òg
Ris an òigh dhan d'thug mi spèis.
Mi nam shìneadh air an t-sliabh
'S mi fo iargainn na bheil uam
'S tric mo shùil a' sealltainn sìos
Far an laigh a' ghrian sa chuan.
'S truagh nach robh mi leat an-drà st'
Air an trà igh as à irde stuagh
'G èisteachd ris a chòmhradh thlà th
Aig an òigh as à ille snuadh.
'S truagh nach innseadh a' ghaoth 'n iar
Nuair a thriallas i thar sà l
Ciod an dòigh a th' air mo luaidh
Bheil i smaointinn orms' an-drà st'.
Mile beannachd leat an nochd
Cadal socair dhut a luaidh
Slà n gun acaid feadh do chlèibh
Anns a' mhadainn 'g èirigh suas
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.