Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Cairistìona Dhòmhnallach agus Maighread Stiùbhart.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Cairistìona Dhòmhnallach and Maighread Stiùbhart.
Gur h-e mise tha fo mhulad
Is chan urrainn mi chaochladh,
Dh'fhà g thu sac air mo ghiùlan
Is cha dùth dhomh bhi aotrom,
Gur a crà iteach mo chridhe
'S cà ch gun fhios gu dè 'n t-adhbhar
Tha mi cumha mo leannain,
'S trom bha m' anam an gaol air.
'S truagh nach robh mi am leabaidh
Ann an greadadh an fhiabhrais
Mu an d' thug mi 'n cion falaich
No mum faca mi riamh thu;
Fhir bu taitniche mà nran,
'S e do ghrà dh rinn mo phianadh:
'S ged nach innis mi chà ch e
Tha mi 'n-drà st' leis air liathadh.
Tha mo chion air an fhleasgach
Chuimir, leadanach, bhòidheach,
Tha den fhine nach strìochdadh,
'S a tha sìobhalt na chòmhradh.
'S mòr gum b' fheà rr leam do ghliocas,
Is do mhisneach is d' fhoghlum
Na là n buaile chrodh ballach,
Le dubh-bhalach gun eòlas.
'S mi nach iarradh leat eudail,
Ach do lèine 's do chòta,
Is do bhreacan 's do ghunna,
'S math a chumar an òrdugh,
Is do bhoineid le h-itean -
Bhiodh an sud na bu leòir leam;
Leat gun siùbhlainn an saoghal,
Fhiùrain aobhaich is bòidhche.
'S e mo dhùrachd dom leannan,
Ged nach faigh mi do phòsadh,
Thu bhi sona gun smalan,
'S a bhi fad' anns an t-seòl sin.
Le crodh druimfhionn 's crodh guailfhionn
Air do bhuaile mar chòmhlan,
'S gun do bhean-sa gan cuallach,
Ach a' fuaigheal na seòmar.
O, cha dùth dhomh bhi socrach,
'S mi a-nochd mar mhnaoi fhuadain;
Air an uirigh ma chaidleas mi,
Bidh ort-sa mo bhruadar,
Fhir a loisgeadh am fùdar
Air na stùc-bheannan fuara -
Is na misde do phiseach,
A ghaoil, mise chur suarach.
B' e mo mhiann a bhi còmhl' riut,
Fhir is bòidhche measg fhearaibh;
'S mi gun earbadh mi fhìn ruit,
Dusan mìle bhon bhaile.
Mu thrì bliadhna 's còig rà ithean,
Thug mi grà dh dhuit mar leannan;
'S beag an t-ioghnadh ged tha mi,
An-diugh crà iteach ga d' ghearan.
'S iomadh nì bheir an gaol oirnn;
Tha e caochlaideach, carach;
Bidh e tighinn na lùban,
Mar shruth bùirn leis na beannaibh.
'S iomadh tè a fhuair aobhar,
A bhi caoineadh 's ag gearan,
'S fear a grà idh air a fà gail,
Ged bu là idir a ghealladh.
Bheirinn comhairl' air caileig,
Gun bhi amaideach, gòrach,
Gun i chreidsinn a leannain,
Ged a ghealladh e pòsadh.
Ged is bòidheach e tighinn,
Tha a chridhe fuar reòdhta,
'S bidh a shùil às a dheadhain
Dh'fheuch cò roghainn is bòidhche.
Esan:
Thug mi 'n raoir ann am dhùsgadh,
'G iarraidh dlùth thun a' chala,
Gus an d' rà inig mi 'n t-à ite,
Far an d' fhà g mi mo leannan.
'S ann a fhuair mi thu pòsta,
Ri fear òg air do cheangal -
An snaoim dhaingeann nach fuasgail,
Dh'fhà gas truagh mi ri m' mhaireann.
'S truagh nach robh mi 's mo leannan,
Ann an gleannan a' cheòbain,
No an iohall na coille,
Far an goireadh an smeòrach;
Bhiodh mo là mh a ghaoil tharad,
'S mo cheart air' air do phògadh
'S an là mh eile bhiodh sìnte
Fod chùl snìomhain, donn, bòidheach.
Cheist de mhnathaibh an t-saoghail
Nach dèan thu saod air a thrèigsinn;
Dèan a ghoid do chuid aodaich,
'S thèid mi, ghaoil, leat do Èirinn
Thèid luath-bhà ta nan crannan,
Chur gu h-ealamh na h-èideadh
'S bidh mi còmhl' ri mo leannan,
Mar bu mhath leinn le chèile.
Carson a chreid thu do chà irdean,
No luchd dà imh bha air thalamh,
Gun robh mise am brath pòsaidh
Ri tè òig airson earrais
Ged a bha thu gun stòras,
Cha bu deòin leam ri m' mhaireaun,
Gu an tugainn mo chùl riut -
Dh'fhà g do shùgradh mi galach.
Ise:
Cheist de fhearaibh an t-saoghail,
Tog dhe d' chaoineadh 's dhe d' chumha,
Seall gu beachdail 's gach à ite,
Am faic thu à illeag bhios lurach,
Na h-iarr ormsa gu brà th
A dhol thar sà ile leat tuille,
Ach leig dhomh mar a tha mi,
Anns an à it seo fo mhulad.
Na Facail
Tha iomadh tionndadh dhen òran gaoil seo ri lorg, uaireannan mar gum b' e boireannach a rinn e, uaireannan mar gum b' e fireannach. Tha na facail seo bhon leabhar Clà rsach na Coille, deasaichte leis an t-Urramach MacIllEathain Sinclair, agus air fhoillseachadh an Glaschu an 1881, mar chòmhradh eadar fear agus tè.

Rugadh Maighread Stiùbhart air 12 Ògmhios, 1956, agus thogadh i ann an Col Uarach, Leòdhas. Bha seinn agus bà rdachd mun cuairt oirre nuair a bha ...
Fiosrachadh air Maighread Stiùbhart / Learn more about Maighread StiùbhartRugadh is thogadh Cairistìona Dhòmhnallach, Cairistìona Uilleam a' Ghladstoin, an Adabroc, Nis, ann an dachaigh a bha loma-là n de cheòl, fealla-dhà agus ...
Fiosrachadh air Cairistìona Dhòmhnallach / Learn more about Cairistìona DhòmhnallachCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.