Òran air a sgrìobhadh le: tè dè mhuinntir loch abar agus air a sheinn le: Peigi Bhoidhd.
This is a song written by: tè dè mhuinntir loch abar and sung by: Peigi Bhoidhd.
Thug mi gaol, thug mi gaol,
Thug mi gaol don fhear bhà n;
Agus gealladh dhutsa, luaidh;
O cha dual dhomh bhith slà n.
Chaidh am bà ta tron chaol
Leis na daoine Dimà irt;
'S mise phà igh am faradh daor,
Bha mo ghaol air a clà r.
Chunnacas long air a' chuan
'S i cur suas nan seòl à rd;
Nuair a dhiùlt i cur mun cuairt
Bha mo luaidh-s' air an t-snà mh.
Tacan mun do laigh a' ghrian
Bha mi 'm fianais mo ghrà idh;
Tha e nis an grunnd a' chuain;
O, gur fuar à ite tà imh.
Bha mi bruadar a-raoir
A bhith 'n caoimhneas rim ghrà dh;
'S nuair sin thug e rium a chùl
Shil mo shùilean gu là r.
Bha mi deas is bha mi tuath,
Bha mi 'n Cluaidh uair no dhà ;
Dheth na chunna mi fon ghrèin
Thug mi spèis don fhear bhà n.
Cha tèid mise thaigh a' chiùil;
Thuit mo shùgradh gu là r,
Bhon a chualas thusa, rùin,
Bhith sa ghrunnd far nach trà igh.
Cuspair an Ã’°ù²¹¾±²Ô
Seo mar a dh'innis Eòghann Mac a' Phì sgeul an òrain air prògram Gà idhlig a' BhBC air 25 Cèitean, 1953.
"B' ann à Loch Abar a bha a' mhòr-chuid de na saighdearan a bha ann an Rèiseamaid Hunndaigh, no Na Gòrdanaich mar a theirear riutha, nuair a chaidh an rèiseamaid sin a thogail an toiseach. Is cha b' ann len deòin a chaidh cuid dhiubh ris an t-saighdearachd. Chuireadh romhpa gu feumadh iad a dhol don rèiseamaid no nach biodh cead aca fuireach air an oighreachd.
Bha cà raid òg am measg chà ich a bha air ùr phòsadh agus a chùm nach biodh iad gun dachaidh ghabh an gille òg dhan rèiseamaid ùr.
An uair a bha na fir gan cuir thar sà il chaidh ise a dh'fhà gail beannachd le fear a gaoil, agus air don t-soitheach cur ri sà il, sheas esan air a' chlà r-uachdrach a' sìor amharc air ais air an tìr a b'fheudar dha fhà gail.
B' ann a' sin a bha e an uair, le drid fhortan, a thuit e thar a cliathaich is chaidh a bhà thadh.
Cho luath 's a chuala a bhean òg mar a thachair, chuir i an cèill meud a bròin anns an òran seo."

B' ann ann an Earsairidh, ann am Barraigh, a rugadh Peigi Bhoidhd (Peigi Bhochanan, 1904-1992) ach ghluais an teaghlach dhan Àird Mhòir nuair a bha ...
Fiosrachadh air Peigi Bhoidhd / Learn more about Peigi BhoidhdCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.