Òran air a sgrìobhadh le: Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais) agus air a sheinn le: anna bruce, mòrag m. mhoireach agus rhona i. mhoireasdan.
This is a song written by: Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais) and sung by: anna bruce, mòrag m. mhoireach and rhona i. mhoireasdan.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Thug mi mo là mh don Eileanach,
Ged theireadh cà ch nach toigh leam thu;
A fhleasgaich bhà in nan sùilean tlà th
Gur tu mo ghrà dh 's cha cheil mi e.
Ged theireadh luchd an tuaileis riut
Gun tug mi gaol don tuathanach,
'S mór gur feà rr leam thusa, ghaoil,
Na tha chrodh-laoigh air bhuaile aig'.
Cha chùram duinn 's an t-slà int' againn,
Ged tha gruaim mo chà irdein rium;
Gun seòl mi leat thar bhà rr nan stuadh
'S taobh thall den chuan gun gluais mi leat.
Tha m' inntinn-sa cho sòlasach
On fhuair mi 'n ceangal pòsaidh riut;
'S a-nochd fhèin cha dèanainn suaip
Ged gheibhinn duais Bhictoria.
Gur e mo ghaol an t-òganach
Tha dreachmhor, uasal, foghlaimte;
Is ìomhaigh 'n t-saighdeir ann ad ghnùis,
'S gun siùbhlainn fhìn 'n Roinn Eòrpa leat.
Gur glan, deas, dìreach, pearsant' thu,
'S bidh claidheamh an truaill mar chleachdadh ort,
'S gur à illeagan, le mìle sùil,
Fo fhèile ùr nam pleata thu.
Gur tric a dh'fhalbh mi còmhla riut
A shealgaireachd nam monaidhean;
'S bu lìonmhor geà rr is coileach-fraoich
An là imh an laoich sa ghlomanaich.
Gun d' fhuair mo chà irdean coire dhomh
O'n latha chaidh mo shloinneadh riut,
Ach gus an cà irear mi san uaigh
Cha toir mi fuath don Eileanach.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.