Òran air a sgrìobhadh le: Calum is Ruaraidh Dòmhnallach agus air a sheinn le: Còisir Ghà idhlig Inbhir Nis.
This is a song written by: Calum is Ruaraidh Dòmhnallach and sung by: Còisir Ghà idhlig Inbhir Nis.
An tèid thu leam a rìbhinn òg
Gu tìr mo ghrà idh sìtheil sona
'S chì thu saighdearan a' ruith
Am measg nan lusan brèagh' sa mhonadh.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Ho ro horainn o
Fà ilte gu tìr an airm
Ho ro horainn o.
A' coimhead a-mach air madainn chiùin
Air bà ll mòr cruinn os cionn na beinne
'S bhon 's os cionn na tonnan gorm
Tha ceòl ùr aig ceòl na mara.
'S an tèid thu leam gu tìr mo ghrà idh
Seall na h-eòin dhorcha dhona
Treabhadh speuran os ar cionn
Dèanamh air Steòrnabhagh le cabhaig.
Nis leugh d' eachdraidh, fosgail sùil
Anns gach linn mu dhòigh an airm
Stampadh air nan croitean seagail
'S beathannan òg aig gillean Uibhist.
Cha tèid mise gu an rìgh
Cha tèid mise an còrr a shabaid
O Lunnainn mheallt, a Bhreatainn fhoilleil
Cha seas mi ach son sìth nan eilean.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha an leabhar Flower of the West – The Runrig Songbook air fhoillseachadh le Ridge Books, Obar Dheathain, 2000.

Bha còisir à Inbhir Nis am measg a' chiad fheadhainn a choisinn urram ann an co-fharpais MhicShimidh is Mhorair Thulaich Bhà rdainn aig a' Mhòd Nà iseanta. ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig Inbhir Nis / Learn more about Còisir Ghà idhlig Inbhir NisCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.