Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacGriogair (Lieutenant Colonel) agus air a sheinn le: Calum MacArtair, Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain, còisir (Inbhich) agus seumas mac an t-Sagairt.
This is a song written by: Iain MacGriogair (Lieutenant Colonel) and sung by: Calum MacArtair, Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain, còisir (Inbhich) and seumas mac an t-Sagairt.
Togaibh fonn air an fhonn a bha calm' agus cruaidh,
Am fonn thar gach fonn feadh an t-saoghail thug buaidh,
'S do dhùthaich nam beann anns gach cruadal is cà s,
Air cuan no air tìr, bidh sinn dìleas gu bà s.
Tìr nam beann à rd.
Air dhomh-sa bhith sgìth anns na h-Innseachan cèin
Is m' fheòil air a pianadh le dian theas na grèin',
Gur tric ann am inntinn thig muinntir mo chridh'
Is tìr nam beann à rd anns na dh'à raicheadh mi.
Tìr nam beann à rd.
Ged shiùbhlainn an saoghal feadh aonach is fonn,
Ged sheòlainn gach à ite feadh bhà rcaich nan tonn,
Ged thriallainn gach gleann agus beann tha fon ghrèin'
'S i 'n tìr a rinn m' à rach is à illidh leam fèin.
Tìr nam beann à rd.
Nuair dh'èireadh na Gà idheil le chèil' as gach gleann,
'S a thòisicheadh bualadh is sguabadh nan lann,
Cha d' fhuaireadh an nà imhdean bho là ithean bho thùs
Nach sgapadh, nach sgà ineadh, 's nach fà gadh an lùths.
Tìr nam beann à rd.
'S nuair shèideadh a' phìob ann an cluasaibh nan laoch
Cur cuimhne gu deònach air mòinteach an fhraoich,
Gun èireadh gach inntinn ri cluinntinn a' chiùil,
A chuala na beanntan 's gach à m chaidh air chùl.
Tìr nam beann à rd.
Gur prìseil an dìleab a shealbhaich na suinn
Fuil chraobhach an sinnsir bu rìomhaiche loinn,
An cà nan cho uasal 's a chualas a riamh,
Is trusgan an fhèilidh dom b' èibhinne sgiamh
Tìr nam beann à rd.
Bho chian anns gach gà bhadh 's gach à ite fon ghrèin
Bu dual do na GÃ idheil a-riamh a bhith treun,
Oir b' fheà rr leo am bàs na bhith strìochdadh do nà mh,
Is sìnte san uaigh a bhith suaineach nan tà mh.
Tìr nam beann à rd.
Mar sin cuiribh fà ilte, cuiribh fà ilt' air gach aon
Den t-sluagh dom bu dual a bhith cruaidh agus caoin,
'S a chaoidh bidh sinn caomh agus coibhneil ri chèil'
Mar dhream nach robh riamh do na nà imhdean fo ghèill.
Tìr nam beann à rd.
Rugadh Calum MacArtair ann a' Steòrnabhagh air 15 Mà rt 1940. B' e cà raid a bh' ann fhèin is a bhrà thair Coinneach. Bha an athair bhon ...
Fiosrachadh air Calum MacArtair / Learn more about Calum MacArtairChaidh Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain a stèidheachadh bho thùs le Uisdean Alasdair Friseal, a bha na fhear-teagaisg Gà idhlig ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Rugadh e ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain / Learn more about Còisir Ghà idhlig Inbhir PheofharainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.